Main content
Sorry, this episode is not currently available

Am bàta dha deisealachadh airson an turas dhachaigh

Às dèidh còrr air 30 bliadhna sheòl an leadaidh seo air ais a dh’Eirisgeidh. This newly-restored lady of the sea's journey, sailing home to Eriskay after 30 years.

Anns an Lùnastal sheòl an Santa Maria III, neo sgoth Chaluim Mhòir air ais dhachaigh a-staigh dhan Acarsaid ann an Èirisgeidh agus Dòmhnall Eàirdsidh MacFhionghuin air pròiseact leasachaidh a mhair sia bliadhna, ‘s a bha gu math faisg air a chridhe fhèin, a choileanadh.
Anns a' phrògram seo cluinnidh sinn sgeulachd an Santa Maria III - bho nuair a cheannaich DA air ais dhan teaghlach MhicFhionghuin i, ‘s gun innte ach an t-slige, gus an robh i deiseil airson seòladh air ais tarsainn a' Chuain Sgìth a’ dh’Èirisgeidh.

B' e bàt'-iasgaich ‘ringer’a bh' innte, uaireigin mar phàirt den fleet de sgothan Eirisgeach. B’ ann aig Calum MacFhionghuin a bha i, am fear bu shine den teaghlach MhicFhionghuin neo Clann Nèill Aonghais Iain Mhòir, teaghlach de shàr iasgairean gu sònraichte nuair a thigeadh e gu iasgach an sgadain. Bha gnìomhachas an iasgaich ann an Eirisgeidh air leth soirbheachail ri linn an sgadain agus cluinnidh tu fhathast na sgeulachdan bhon àm sin mu obair chruaidh ach bliadhnaichean toilicht’.

Cheannaich DA an Santa Maria III bhon an eadar-lìon agus e am beachd a’ dèanamh suas agus a’ toirt air ais a’ dh’Èirisgeidh mar thiodhlac dhan eilean agus na h-iasgairean a thug ionnsachadh mhath dha fhèin na bhalachan òg nuair a chaidh e gu muir an toiseach. Ach bha am pròiseact seo gu bhith gu math nas motha na bha dùil aige, agus bha feum aig an Santa Maria III air tòrr a bharrachd air còta peant!

30 minutes

Last on

Thu 5 May 2022 19:30

Broadcasts

  • Mon 30 Sep 2019 12:00
  • Mon 30 Sep 2019 22:00
  • Sun 6 Oct 2019 13:00
  • Mon 30 Dec 2019 08:30
  • Mon 21 Sep 2020 12:00
  • Mon 21 Sep 2020 22:00
  • Sun 27 Sep 2020 13:00
  • Thu 5 May 2022 19:30