An t-Urr Calum MacLeòid, Eaglais Shaor Shiaboist
Còmhla ris an Urr Calum MacLeòid, Eaglais Shaor Shiaboist an Eilean Leòdhais. Gaelic religious service conducted by Rev Callum MacLeod, Shawbost Free Church, Isle of Lewis.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sinn na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 65: 4-5 air fonn St David agus ‘s e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost.
Salm 16: 5-7 air fonn Moravia agus ‘s e Coinneach A MacAoidh a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh ann an Eaglais Shaor a’ Bhac.
Salm 42: 102 air fonn Glencairn agus ‘s e Torcuil MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh ann an Eaglais Shaor a' Bhac.
Leughadh: 1 Peadar 1: 1-12
Ceann-teagaisg : 1 Peadar 1: 3-5
'S ann do bhaile Shuardail san Rubha a bhuineas an t-Urramach MacLeòid. Chaidh oideachadh ann am Bun-sgoil a' Chnuic agus ann an Àrd-sgoil MhicNeacail. Às dèidh dha an sgoil fhà gail ann an 1974, thòisich e ag obair cuide ri Post Office Telephones, mar a bha orra mus do dh'atharraich iad gu British Telecom agus gu BT mar as eòlaich sinn orra an-diugh.
Thà inig an t-Urramach MacLeòid gu bhith na bhall den Eaglais Shaor san Rubha aig deireadh na seachdadan. Bha e cuideachd a' teagaisg ann an Sgoil Shà baid, na dheacon agus an uair sin na èildeir anns a' choitheanal.
Phòs e fhèin agus a bhean Catherine ann an 1981 agus tha dithis mhac aca, Graeme agus Stuart.
Dh'fhà g e BT ann an 1997 agus chaidh e a-staigh airson na ministearalachd, a' tilleadh gu fòghlam ann an Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann airson trì bliadhna. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Shiaboist san Dà mhair 2000 far a bheil e chun an latha an-diugh. A bharrachd air a bhith a' frithealadh a' choitheanail, tha an t-Urr MacLeòid cuideachd na chlà rc aig Clèir nan Eilean Siar.
Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, ( rud nach bi a' tachairt ro thric ) 's caomh leis a bhith a' falbh air a' bhaidhsagail, a' ruith agus a' coiseachd agus, nuair a dh'fheumas e, bidh e a' dèanamh beagan DIY. Tha ùidh aige cuideachd ann an croitearachd. Grunn bhliadhnaichean air ais, sgrìobh e a' chiad leabhar aige air eachdraidh Eaglais Shaor Shiaboist.
Last on
Broadcasts
- Sun 20 Oct 2019 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 20 Oct 2019 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal