Main content
Sorry, this episode is not currently available

Coinneach aig cuirm Chomann Gàidhlig Ghlaschu

Na cuspairean a thog ceann aig Comann Ghàidhlig Ghlaschu an t-seachdain sa chaidh. The topics raised at the Glasgow Gaelic Society last week. bbc.co.uk/coinneach

An t-seachdain sa chaidh bha Coinneach aig cuirm Chomann Gàidhlig Ghlaschu, far an robh òraidean rin cluinntinn air diofar chuspairean. Tha e an-diugh a’ còmhradh ri Iain Dòmhnallach agus Aonghas MacCoinnich mu obair a’ Chomainn fhèin agus ri Raghnall Macilledhuibh, ri Alasdair MacIlleBhàin is Sìm Innes mu na h-òraidean a thug iad fhèin seachad air an oidhche mu sheann làmh-sgrìobhainnean na Gàidhlig.

Chaidh innse aig an deireadh sheachdain gu bheil a’ bhùth Watt Brothers ann an Glaschu air a dhol ann an rianachd, le 200 duine air an cuid obraichean a chall. Bha na bùithtean seo ainmeil an Glaschu fad 104 bliadhna le iomadach cuimhne aig daoine orra. Saoil dè seòrsa cuimhne a tha aig Fiona NicAoidh agus Nan Dhòmhnallach air Watt Brothers?

Agus beachdan Alasdair MhicLeòid air cho cudromach is a tha e teisteanas ullachadh, air a’ mhìos a thathas a’ comhairleachadh do dhaoine sa chòrr dhen rìoghachd fear a chuir air dòigh. bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Last on

Tue 22 Oct 2019 21:00

Broadcasts

  • Tue 22 Oct 2019 09:00
  • Tue 22 Oct 2019 21:00