Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tha Flòraidh Forrest, stiùiriche ùr Tobar an Dualchais, a' taghadh às an stòras. New director of Tobar an Dualchais, Floraidh Forrest, with her selection from the rich archive.

Seo am prògram mu dheireadh far a bheil Floraidh Forrest a' cluich chlàran bhon tasglann sònraichte a chaidh a chruinneachadh còmhla air-loidhne fo bhratach Tobar an Dualchais.

Fhuair Flòraidh obair mar stiùiriche air a’ phròiseict inntinneach seo bho chionn ghoirid agus bho thòisich i san obair tha i air a bhith a' cur eòlas a bharrachd air cuid de na clàraidhean iongantach a th’ ann. Tron t-sreath phrògraman seo, tha i dol gar toirt air an t-slighe phearsanta aice fhèin, mar a tha i a' cur eòlas air cuid de na clàran agus na daoine a thug seachad am beartas fiosrachaidh, òrain, beul-aithris, ceòl agus na sgeulachdan seo.

'S e pròiseact a th’ ann an Tobar an Dualchais far an deach mìltean de dh'uairean a thìde de chlàran-fuaim Gàidhlig is Albais a ghleidheadh ann an cruth didseatach, agus tha na clàran-fuaim a' tighinn à trì cruinneachaidhean: Sgoil Eòlais na h-Alba aig Oilthigh Dhùn Èideann; ´óÏó´«Ã½ Alba, a' toirt a-steach prògraman bho Radio nan Gàidheal; agus bho chruinneachadh Chanaigh aig Urras Nàiseanta na h-Alba.

Aig an ìre seo tha còrr is 45,000 clàr air an làraich, agus am measg na chluinneas sinn bho Fhlòraidh an-diugh tha Niall MacIllFhinnein, Neillie Eàirdsidh le ‘Bha Gog Gog Gog aig a' Choileach ud a-raoir’ ( clàr a chaidh a dhèanamh le Iain Latharna Caimbeul bho chionn 70 bliadhna ), an seinneadair eireachdail a dh’ eug na bu tràithe air a' bhliadhna, Gordeanna McCulloch le When I was Single agus Ceit NicNeacail, Ceit Ruairidh, às an Ìochdar, agus bannal-luaidh Ghèirinis a’ seinn ‘Tha mulad, tha mulad’.

30 minutes

Last on

Sun 17 Nov 2019 10:00

Donnchadh Currie, Neilidh Eàirdsidh, agus Calum Raghnaill

Donnchadh Currie, Neilidh Eàirdsidh, agus Calum Raghnaill

Broadcasts

  • Tue 12 Nov 2019 12:00
  • Tue 12 Nov 2019 22:00
  • Sun 17 Nov 2019 10:00