Dòmhnall I Moireasdan, soisgeulaiche, An Eaglais Shaor Leantainneach
Seirbheis còmhla ri Dòmhnall I Moireasdan, soisgeulaiche, An Eaglais Shaor Leantainneach, Inbhir Nis. Gaelic service with Donald John Morrison, evangelist, Free Church Continuing.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sinn na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 59: 16-17 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Seumas MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Sgalpaigh.
Salm 110: 3 air fonn New London agus ‘s e Dòmhnall MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a’ Chnuic.
Leughadh: Eòin 5: 1-24
Ceann-teagaisg: Eòin 5: 24
'S e Sgalpach a th' ann an Dòmhnall Iain, agus mar a thuirt e fhèin, "rugadh agus thogadh mi san à ite as brèagha de dh'Alba agus am pìos as fheà rr dhe na Hearadh". Tha Dòmhnall Iain pòsta aig Heidi, a tha às an Òlaind agus tha triùir chloinne aca.
Mus deach Dòmhnall Iain gu Seamanaraidh na Diadhachd ann an Lunnainn, bha e gu mòr an sàs ann an obair-leasachaidh anns an sgìre aige fhèin agus e air fhastadh aig Companaidh Leasachaidh na Hearadh Earranta airson còig bliadhna. Anns an ùine sin bha e an sàs ann am pròiseactan leasachaidh anns a'
choimhearsnachd, a' toirt a-staigh còrr air dà mhillean not de thaic airgid bhon roinn phoblaich agus phrìobhaidich airson pròiseactan a bha nam buannachd dhan sgìre a bha e a' riochdachadh.
Dh' fhà g e a dhreuchd ann an 2000 agus chaidh e gu Colaiste na Diadhachd ann an Lunnainn far an do chuir e seachad trì bliadhna. Tha Dòmhnall Iain air a bhith na Chrìosdaidh bho 1988, às dèidh tubaist le cà r far an do chaill boireannach a beatha. Tha e an-drà sta na mhiseanaraidh dachaigh aig an Eaglais Shaor Leantainneach ann an Inbhir Nis agus mar phà irt den obair aige bidh e a' siubhail gu diofar sgìrean ann an Alba, agus air feadh an t-saoghail, a' toirt an t-soisgeil gu aire dhaoine. Gu math tric 's ann a-muigh air an t-srà id a bhios e a' searmonachadh.
Last on
Broadcasts
- Sun 1 Dec 2019 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Dec 2019 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal