Main content
Sorry, this episode is not currently available

Seribheis Nollaige

Seirbheis Nollaige còmhla ri Iain Eàirdsidh Mac a’ Mhaoilein. A service for Christmas with John Archie MacMillan.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean Nollaige a leanas:
Còisir Eaglais Naomh Chaluim Chille a’ seinn Èist san Iarmailt Òran Binn
Na peathraichean Nic a’ Mhaoilein à Uibhist a’ seinn Tàladh Chrìosda
Anna Nic na Ceàrdaich a’ seinn Fada Cian ann an Stàball
Pòl MacCaluim a’ seinn Leanabh an Àigh

Leughadh: Eòin 9: 1-16

Rugadh agus thogadh Iain Eàirdsidh ann an Cill Donain ann an Uibhist a Deas agus chaidh e dhan sgoil an sin agus an Dalabrog. Às an sin, chaidh e gu Colaiste Blairs ann an Obar Dheathain agus à sin gu Colaiste Rìoghail na Sagartachd anns an Spàinn airson sia bliadhna. Thàinig e a-mach na shagart anns an Ògmhios 1971. Bha e na shagart ann an Dùn Òmhain, Eilean Bhòid, Dalabrog agus Èirisgeigh.

Bha Iain Eàirdsidh cuideachd ag obair mar Oifigear Leigheis-inntinn ann an Lodainn an Iar a' cuideachadh dhaoine le trioblaidean inntinn agus ag oideachadh 's a' toirt comhairle do dhaoine eile ann a bhith a' dèiligeadh ri daoine le trioblaidean inntinn. Tha e a-nis air a dhreuchd làn-ùine a leigeil seachad.

Tha e a' fuireach ann an Ceann a Deas Drochaid na Banrigh cuide ri bhean, Màiri. Tha balach agus nighean aca Harriet agus Mata.

Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, 's toigh leis a bhith siubhal a-null thairis, gu h-àraid dhan Eadailt far a bheil taigh aca ann am baile beag iomallach. Air a shlighe a dh'obair, bhiodh e ag èisteachd ri clàraidhean den chànan Eadailtis 's a' feuchainn ri gnìomhairean Eadailtis ionnsachadh, ach gu mì-fhortanach bidh an fheadhainn Eadailteach agus Spàinnteach a' dol an lùib a chèile gu math tric, ach tha e còrdadh ris gu mòr a bhith dèanamh seo. Bidh e cuideachd a' cur ùine seachad air a' chùrsa golf agus a' dèanamh thòimhseachain-tarsainn agus ag eadar-theangachadh pìosan beaga an siud 's an seo dhan Ghàidhlig.

Bidh Iain Eàirdsidh os cionn nan seirbheisean Gàidhlig ann an Eaglais nam Manach Liath ann an Dùn Èideann gu math tric.

30 minutes

Last on

Sun 22 Dec 2019 15:00

Broadcasts

  • Sun 22 Dec 2019 09:00
  • Sun 22 Dec 2019 15:00