Na leabhraichean as fheà rr le Lana Pheutan agus Caoimhin Iain Rodgers
Anna Nicleòid a' còmhradh ri dithis mu na leabhraichean as fheà rr leotha. Anna Macleod in conversation with two guests about their favourite books.
Ann a Leugh Mi tha Anna Nicleòid a’ còmhradh ri dithis gach seachdain mu na leabhraichean as fheà rr leotha. 'S iad Lana Pheutan agus Caoimhin Iain Rodgers a tha a’ taghadh nan leabhraichean an-diugh.
Am measg nan cuspairean; stòiridh oillteil agus ainmeil, ‘Salem’s Lot’ bho Stephen King, agus cluinnidh sinn dreach ùr èibhinn air seann ùirsgeul chloinne, le ‘Politically Correct Bedtime Stories’ bhon ùghdar James Finn Garner. Cuideachd tha sgeulachd beatha bho saoghal a' chiùil, ‘White Line Fever’ bho Lemmy Kilmister, an seinneadair le Motörhead.
Tha beachdan gu math eadar-dhealaichte aig an dithis aca, gu h-à raid nuair a thig e gu sgrìobhadh eagail – ach cò aca a bhios a' lorg fois ann an leabhar, is cò a bhios a’ sireadh feagal?
Cuideachd tha iad air leabhar a mholadh dha chèile airson a leughadh agus gheibh sinn a-mach anns a’ phrògram an do chòrd na leabhraichean riutha neo nach do chòrd!
Last on
Broadcast
- Sun 29 Dec 2019 13:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal