An cuir muinntir Bhancubhair fà ilte air an Diùc agus a’ Bhana-dhiùc Sussex?
Dè seòrsa fà ilte a chuireas muinntir Bhancubhair air an Diùc agus a’ Bhana-dhiùc Sussex? The reaction in Vancouver regarding the Duke and Duchess of Sussex's plans to move there.
Cluinnear dè tha muinntir Bhancubhair a' smaoineachadh mun naidheachd gu bheil an Diùc agus Bana-dhiùc Sussex an dùil dachaigh a' dhèanamh dhaib’ fhèin ann an Canada airson pà irt den bhliadhna.
Innsidh am Morair Minginis mu dheidhinn an obair a thathas a' dèanamh anns A’ Phrìomh-chùirt, a’ chùirt is aìrde anns an Rìoghachd. 'S e an t-Albannach am Morair Reed ceann-suidhe ùr na Cùirte às dèidh don Bhean-uasal Hay a dreuchd a leigeil dhith.
Air taobh thall an t-saoghail tha draghan ann gu bheil a’ bheinn-teine Taal anns na h-Eileanan Filipineach an ìmpis spreadhadh. Tha Ciorstaidh Nicilleathain a' toirt iomradh air an t-suidheachadh agus a’ bhuaidh a bheireadh tachartas dha leithid air an sgìre.
Tha draghan cuideachd ann an Indonìsia gu bheil prìomh bhaile na dùthcha ann an cunnart is iad fo thuiltean ri linn dòrtadh do-chreidsinneach. Mu thrà th, bha Jakarta ann an droch shuidheachadh air sgath ’s gu bheil i stèidhichte air talamh bog agus tha leth dhen bhaile fo ìre na mara. Gheibhear an tuilleadh fios bho Theà rlach MacIain mu dè ghabhas dèanamh agus a bheil feum aca air prìomh-baile ùr a thogail.
Agus cluinnear mu dheidhinn stoirm-shneachda anns an do chaill triùir am beatha air taobh siar Leòdhais ann an 1884. Tha an sgeulachd aig Ruairidh Mà rtainn. bbc.co.uk/coinneach
Last on
More episodes
Broadcasts
- Thu 16 Jan 2020 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 16 Jan 2020 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal