Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1070
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1070. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 22 Jan 2020
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 766
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1070
Duration: 05:00
Litir 1070: Àird na Gaoithe
Ann an Alba, tha sinn a’ fuireach ann an tè de na dùthchannan as gaothaiche anns an Roinn Eòrpa. Tha sin nar fà bhar oir tha e a’ leigeil leinn cumhachd an dealain a chruthachadh ann am pailteas, le crainn-ghaoithe an dà chuid air tìr agus far nan cladaichean aig muir.Â
Chan eil e na iongnadh, ma-thà , gu bheil seanfhaclan gu leòr againn co-cheangailte ris a’ ghaoith. Tòisicheamaid le fear a tha car fà bharach: Cha do shèid gaoth riamh nach robh an seòl cuideigin. A bheil sibh ga thuigsinn? Às bith dè an à ird às an tig a’ ghaoth, gheibh cuideigin buannachd aiste – sin mura h-eil i ro là idir. Ach tuigidh sibh, gu bheil e cuideachd a’ buntainn ri staid mac an duine. Às bith dè cho dona ʼs a tha suidheachadh do chuid, bidh feadhainn a’ faighinn buannachd à s. Cha do shèid gaoth riamh nach robh an seòl cuideigin.
Tha uiread de dhualchas co-cheangailte ri ro-innse na h-aimsir ann an saoghal nan Gà idheal, ’s gu bheil facal sònraichte againn airson neach a dh’innseas mar a bhios an t-sìde a rèir na chì iad anns an adhar – ³¾Ã ¾±°ù²Ô±ð²¹±ô²¹³¦³ó.
Seo agaibh abairtean eile co-cheangailte ris a’ ghaoith, agus gu sònraichte à ird na gaoithe a rèir na combaist. Gaoth an iar an dèidh uisge reamhar. An dèidh uisge trom a bhith ann, gu math tric bidh a’ ghaoth a’ tighinn on à ird an iar.Â
Gaoth an iar gun fhras, bidh i ag iarraidh gu deas. Ma tha i tioram on à ird an iar, bidh a’ ghaoth gu tric a’ dol tuathal, a’ gluasad an aghaidh gluasad na grèine. Tha dà abairt eile mu ghluasad na gaoithe. A’ ghaoth ag atharrachadh leis a’ ghrèin. Nuair a bhios a’ ghaoth ag atharrachadh gu deiseil, ’s e comharra de dh’aimsir a tha a’ fà s nas fheà rr. Calg-dhìreach an aghaidh sin tha A’ ghaoth ag atharrachadh an aghaidh na grèine. Tha sin na chomharra de dh’aimsir a tha a’ dol am miosad. Tha na dhà mu dheireadh ’s dòcha a’ buntainn ri gluasad deiseil is tuathal na gaoithe ann an siostaman bruthadh-à rd is bruthadh-ìosal anns an Leth-chruinne mu Thuath.Â
Dè a’ ghaoth as lugha air muinntir na h-Alba a bhios ri obair no cur-seachadan a-muigh? Tha sin follaiseach, gu h-à raidh aig an à m seo dhen bhliadhna, nach eil? A’ ghaoth tuath. Tha i cianail fhèin fuar.
Ach bha ar sinnsirean a’ mothachadh rud no dhà mun ghaoith sin nach robh buileach cho dona. Mar eisimpleir – ’S i a’ ghaoth tuath a sgaoileas ceò. ’S i a’ ghaoth tuath a sgaoileas ceò. Agus Gaoth tuath am beul na h-oidhche, cha robh i riamh buan. Gaoth tuath am beul na h-oidhche, cha robh i riamh buan.
Agus seo agaibh rann snog a bheir comhairle do luchd-siubhail air bà taichean-aiseig an taoibh an iar. Tha e a-mach air na là ithean as fheà rr airson a bhith a’ seòladh, a rèir à ird na gaoithe agus cho fada ’s a tha i air a bhith a’ sèideadh:
A’ chiad latha dhen ghaoith a deas,
An treas latha dhen ghaoith a tuath,
An dà rna latha dhen ghaoith an iar
’S a’ ghaoth an ear gach ial ’s gach uair
Ma tha sibh am beachd tiogaid aiseig a cheannach aig a’ mhionaid mu dheireadh, ’s dòcha gum bi a’ chomhairle sin gu math feumail dhuibh!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: nar fà bhar: in our favour; ³¾Ã ¾±°ù²Ô±ð²¹±ô²¹³¦³ó: a person who foretells the weather by looking at the sky and clouds; à ird: compass point; cianail fhèin fuar: exceedingly cold; a’ sèideadh: blowing.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: tè de na dùthchannan as gaothaiche anns an Roinn Eòrpa: one of the windiest countries in Europe; tha e a’ leigeil leinn cumhachd an dealain a chruthachadh ann am pailteas: it allows us to create a lot of electrical power; far nan cladaichean: off the coast(s); chan eil e na iongnadh: it’s not a surprise; tha uiread de dhualchas co-cheangailte ri ro-innse na h-aimsir: there is so much heritage connected to weather forecasting; gaoth an iar an dèidh uisge reamhar: west wind after heavy rain; gaoth an iar gun fhras, bidh i ag iarraidh gu deas: a west wind without rain, it tends to seek the south (ie it ‘backs’); a’ gluasad an aghaidh gluasad na grèine: moving against the movement of the sun; a’ ghaoth ag atharrachadh leis a’ ghrèin: the wind changing with the sun (ie ‘veering’); calg-dhìreach an aghaidh sin: directly against that; a tha a’ dol am miosad: that is deteriorating; siostaman bruthadh-à rd is bruthadh-ìosal anns an Leth-chruinne mu Thuath: high pressure and low pressure zones in the Northern Hemisphere; dè a’ ghaoth as lugha air muinntir na h-Alba a bhios ri obair no cur-seachadan a-muigh?: which wind is least favoured by the people of Scotland who work outdoors or are engaged in outdoor pursuits?; ’s i a’ ghaoth tuath a sgaoileas ceò: it’s the north wind that dissipates mist; gaoth tuath am beul na h-oidhche, cha robh i riamh buan: a north wind at nightfall never lasted long; a’ chiad latha dhen ghaoith a deas: the first day of the south wind; an treas latha dhen ghaoith a tuath: the third day of the north wind; an dà rna latha dhen ghaoith an iar: the second day of the west wind; a’ ghaoth an ear gach ial ’s gach uair: the east wind at all times; ma tha sibh am beachd tiogaid aiseig a cheannach aig a’ mhionaid mu dheireadh: if you’re intending to buy a ferry ticket at the last minute.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Às bith dè cho dona ʼs a tha suidheachadh do chuid: however bad the situation is for some people. Às bith can stand for ‘however’, ‘whoever’, ‘whatever’ or ‘wherever’. Às bith cò nochdas nar n-aghaidh, nì sinn a’ chùis orra ‘whoever appears against us, we’ll defeat them’.
Seanfhacal na Litreach
Seanfhacal na Litreach: Cha do shèid gaoth riamh nach robh an seòl cuideigin: no wind ever blew that did not fill someone’s sails.
Broadcasts
- Sun 19 Jan 2020 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 22 Jan 2020 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.