Main content
Sorry, this episode is not currently available

Niall Mac a’ Phiocair à Àird na Saltrach an Uibhist a Tuath

Dealbh air Uibhist a Tuath ro 1920 bho Niall Mac a’ Phiocair à Àird na Saltrach. Neil MacVicar's evocative account of life in North Uist pre-World War One.

Thill Niall Mac a’ Phiocair, Niall a’ Bhota Ruaidh, mar a chante ris, à Àird na Saltrach a dh’Uibhist ann an 1967 an dèidh iomadh bliadhna air tìr-mòr. Thug e 37 bliadhna na nurs anns a’ Chrichton Royal ann an Dùn Phris agus an dèidh sin thug e seachd bliadhna ag obair aig a’ rèile an Dùn Phris agus an corra àite eile timcheall na sgìre.
Ach fhad’s a bha e air falbh bha e an sàs ann an obair a’ Chomainn Ghàidhealaich agus ‘s dòcha nach eil sin na iongnadh leis an ùidh a bh’ aige anns a’ Ghàidhlig agus a h-uile càil co-cheangailte ris a’ chànan. Bha e cuideachd fiosrach mu chleachdaidhean is mu dhòigh-beatha Uibhist a Tuath – sgoiltean is bùithtean, cur is buain, obraichean, buachailleachd is cartaireachd, sealg agus cur-seachadan mar iomain is odaidhean. Bha sgeulachdan aige mu dhaoine is mu ghnothaichean os-nàdarra mar an droch shùil ’s an dà shealladh.

Sa phrògram seo tha Niall ag innse do Jo NicDhòmhnaill mu èirigh suas ann an Uibhist a' treabhadh agus a' cartaireachd, mu chuimhne air Erskine Beveridge leis a robh Eilean Bhallaigh aig an àm agus mu Loch nam Madadh sna làithean sin am measg iomadh rud eile.

30 minutes

Last on

Sun 2 Feb 2020 09:30

Niall Mac a’ Phiocair

Niall Mac a’ Phiocair

Niall Mac a' Phiocair agus a bhean

Niall Mac a' Phiocair agus a bhean

Broadcasts

  • Thu 30 Jan 2020 12:00
  • Thu 30 Jan 2020 22:00
  • Sun 2 Feb 2020 09:30