Main content
Sorry, this episode is not currently available

Aonghas Nìll Caimbeul à Uibhist a Deas

Sgeulachd a' phìobaire Aonghas Nìll Caimbeul à Uibhist a Deas. Jo MacDonald profiles piper Angus Campbell from South Uist.

Rugadh Aonghas Caimbeul, Aonghas Nìll, ann an Gearraidh Sheillidh an Uibhist a Deas aig fìor thoiseach an fhicheadamh linn agus chuir e seachad a’ mhòr chuid de bheatha ri croitearachd ann am Fròbost.
Coltach ri iomadh pìobaire eile ann an Uibhist a Deas, fhuair Aonghas Nìll ionnsachadh leis a’ phìobaire ainmeil, Iain Dòmhnallach à Inbhir Nis. A bharrachd air an eòlas a fhuair Aonghas Nìll bhuaithesan fhuair e cuideachd fiosrachadh agus ionnsachadh bho a theaghlach fhèin, teaghlach comasach dha-rìribh a bha làn ciùil agus seanchas phrìseil.
A dh’aindeoin an tàlant a bh’ aig Aonghas Nìll, cha deach e an sàs anns na farpaisean pìobaireachd air tìr-mòr cha mhòr gu ìre sam bith ach cha b’ ionnan sin agus farpaisean Uibhist, farpaisean a bha cuideachd aig fìor àrd-ìre. Bha e air leth soirbheachail aig na farpaisean seo agus anns a' phrògram seo cluinnidh Jo NicDhòmhnaill bho feadhainn a bha eòlach air agus air a chuid pìobaireachd, cluinnidh sinn cuideachd clàraidhean de dh' Aonghas Nìll fhèin.

30 minutes

Broadcasts

  • Tue 4 Feb 2020 12:00
  • Tue 4 Feb 2020 22:00
  • Sun 9 Feb 2020 10:00
  • Thu 5 May 2022 15:30
  • Sun 8 May 2022 10:30