Main content
Sorry, this episode is not currently available

Sgeulachd Seasaidh Bhaile Raghnaill

An sgeulachd gaoil as ainmeile ann a saoghal nan Gàidheal. The most well-known love story and elopement in Gaeldom as told by Donald A MacDonald.

Chan eil càil coltach ri sgeulachd gaoil - bho Romeo agus Juliet gu Harry ‘s Meghan, tha sinn air ar tarraing thuca. Agus ‘s coma cuideachd leis a’ ghaol càit an tuit e, agus tha sin air a dhearbhadh sa sgeulachd gaoil is ainmeile ann an saoghal nan Gaidheal – sgeulachd Seasaidh Bhaile Raghnaill.
‘S ann aig Dòmhnall Eàirdsidh Dòmhnallach, an sàr sgoilear agus an sàr fhear cruinneachaidh beul-aithris, a tha i dhuinn an-diugh. Agus cò a b’fheàrr? Thug Dòmhnall Eàirdsidh, à Gearradh Iain ann am Malacleit an Uibhist a Tuath, fichead bliadhna is còrr a’ falbh le uidheam clàraidh, air feadh na na Gàidhealtachd ‘s nan eilean, a’ togail sheanchasan agus òrain à beul-aithris do Sgoil Eolais na h-Alba - a’ chuid bu mhotha dhan ùine sin ann an Uibhist. 'S bu bheag an t-iongnadh a-rèisd gun rinn e mòran rannsachaidh agus gun sgrìobh e dà phàipear do Chomann Gàidhlig Inbhir Nis air Sgeulachd Seasaidh Bhaile Raghnaill. Cluinnidh sibh an sgeulachd mar a dh’innis e i dha ¶Ù±ð²¹±ô²¹²Ô-»åè ann a 1988.

30 minutes

Last on

Sun 16 Feb 2020 09:30

Broadcasts

  • Thu 13 Feb 2020 12:00
  • Thu 13 Feb 2020 22:00
  • Sun 16 Feb 2020 09:30