An t-Urr Coinneach MacLeòid, Eaglais Shaor Bharabhais
Seirbhis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Coinneach MacLeòid, Eaglais Shaor Bharabhais. Gaelic service from the ´óÏó´«Ã½ archives with Rev Kenneth MacLeod, Barvas Free Church 1998.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 143: 6-7 air fonn Martyrdom agus ‘s e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho Eaglais nam Manach Liath ann an Inbhir Nis.
Salm 61: 1-4 air fonn Walsall agus ‘s e an t-Urr Murchadh Mà rtainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a’ Chnuic.
Salm 33: 18-19 air fonn Evan agus ‘s e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Leughadh: Mata 5: 1-18
Ceann-teagaisg Mata 5:3
Rugadh Coinneach MacLeòid ann an sgìre Leumrabhaigh air na Lochan, far an robh athair, a bhuineadh do sgìre Bharabhais, na mhiseanaraidh. Ghluais an teaghlach bho na Lochan dhan Rubha.
Dh'fhà g Coinneach an sgoil aig aois sia bliadhna deug agus chaidh e a dh'ionnsachadh obair saorsainneachd. Aig an à m sin bha aige cuideachd ri Seirbheis Nà iseanta a dhèanamh agus rinn e sin sa Chabhlach Mharsantach, agus dh'fhà g sin e a' dèanamh seachd bliadhna an à ite a dhà aig muir. Anns an ùine sin aig muir shiubhail e timcheall an t-saoghail, a' chuid is motha den ùine sin eadar Astrà ilia agus New Zealand. Chòrd Astrà ilia ris na b' fheà rr agus bha sin gu math follaiseach bliadhnaichean às dèidh sin.
Nuair a rinn e na seachd bliadhna chaidh e an uair sin a dh'obair gu Seirbheis nan Taighean Solais agus thòisich e air obair a dhèanamh airson deuchainnean a shuidhe a bheireadh gu ìre oifigeir e. Fhad 's a bha e dèanamh seo dh'fhairich e gun robh aige ri ceum eile a ghabhail na bheatha agus a dhol a-steach airson na ministrealachd. B' e sin a rinn e agus chaidh e a cholaiste Skerry ann an Glaschu airson e fhèin a dheasachadh airson a dhol tron oilthigh agus às dèidh sin chaidh e a dh'Oilthigh Obar Dheathain agus gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann.
Mus robh e deiseil dhan chùrsa aige, thà inig iarrtas thuige bho Chlèir taobh an Ear Astrà ilia a dhol na mhinistear air Eaglais Shaor Lios Mòr ann an NSW airson còig bliadhna. Chaidh e fhèin agus a bhean, Catrìona, agus an leanabh aca, Dòmhnall a-null aig an à m.
Nuair a bha na còig bliadhna aige an à irde, thill e fhèin Catrìona agus a-nise triùir a theaghlach air ais dhan dùthaich seo, far an robh e na mhinistear air coitheanal Bhaile Dhubhthaich airson ochd bliadhna. Bha leanabh eile aca nuair a bha iad ann am Baile Dhubhthaich.
Fhuair Mgr MacLeòid cuireadh tilleadh a dh'Astrà ilia gu coitheanal Chlann MhicIllEathain an ear-thuath na dùthcha far an robh e gus an d'fhuair e gairm bho choitheanal Bharabhais anns na 90an. Thà inig Mgr MacLeòid agus a theaghlach air ais a dh'Alba airson ceithir bliadhna agus anns an ùine sin bha e na mhodarà tor air Àrd-sheanadh na h-Eaglaise Saoire.
Thill Mgr MacLeòid 's a bhean agus triùir dhen teaghlach air ais a dh'Astrà ilia far a bheil e nis stèidhichte ann an sgìre MhicIllEathain.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Sun 18 Sep 2022 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 7 May 2023 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal