Main content
Sorry, this episode is not currently available

Didòmhnaich Slat Phailm - An t-Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh

Seirbheis Didòmhnaich Slat Phailm leis an Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh, Eaglais Bhaisteach Longfleet. Palm Sunday Service with Rev Suzie Roberts, Longfleet Baptist Church, Dorset.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is an leughadh a leanas:
Hosanna don t-Slànuighear le Màiri Mhoireasdan.
‘S e Dia mo Bhuachaill’ ann an Dìth air a sheinn le coitheanal Eaglais Chille Mhoire a bha sàs sa phròiseact Seinneamaid Còmhla.
O nach Domhain Gràdh, Gràsmhor Iosa air a sheinn le Muriel Urchardan
Thig a Dhè nan Uile Bheannachd air a sheinn leis a’ chòmhlan Na Brogues.

Leughadh: Soisgeul Mharcais 11: 1-11

Thàinig Siùsaidh NicDhonnchaidh (no Siùsaidh Algie, mar a bh' oirre mus do phòs i) dhan Eilean Sgiathanach bho chionn 25 bliadhna nuair a bha i sia bliadhna deug. Dh'ionnsaich i Gàidhlig an Àrd-sgoil Phort Rìgh, 's chaidh i an uair sin gu Sabhal Mòr Ostaig. Bha i na neach-naidheachd air telebhisean agus rèidio airson ochd bliadhna deug, ag obair air prògraman leithid Telefios air Telebhisean Grampian agus Eòrpa is Aithris na Maidne air a' BhBC. Ghluais i a Shasainn ann an 2002 agus phòs i Mìcheal ann an 2005. Dìreach bliadhna às dèidh dhi pòsadh thàinig aillse broillich oirre, ach fhuair i seachad air.

Tha Siùsaidh air a bhith na Crìosdaidh fad 38 bliadhna, agus tha i ag ràdh "gu bheil Dia air rudan mìorbhaileach a dhèanamh na beatha". Bha i fhèin agus an duine aice, Mìcheal, a' fuireach ann an Lunnainn fhads a bha Siùsaidh a' trèanadh airson na ministrealachd san Eaglais Bhaisteach aig Colaiste Spurgeon.

Fhuair i cead-searmonachaidh as t-samhradh 2017 agus tha i fhèin is Micheal stèidhichte ann am Poole ann an Dorset far a bheil i na ministear air Eaglais Bhaisteach Longfleet. Agus bho chionn ghoirid fhuair Siùsaidh cead eile, cead gu faod i nise falbh leis a' mhotair-baidhsagal!

30 minutes

An t-Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh

An t-Urr Siùsaidh NicDhonnchaidh

Broadcasts

  • Sun 5 Apr 2020 09:00
  • Sun 5 Apr 2020 15:00