Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tormod MacArtair 1/4

Tormod MacArtair, 'Am Brot', ag innse dha Annella Nicleòid mu òige an Càrlabhagh.
Norman MacArthur recalls his early days growing up in Carloway during World War Two.

Bha Tormod MacArtair à Càrlabhagh, neo Am Brot mar a b' eòlaich daoin’ air, ri obair luingeis air cidhe Steòrnabhaigh airson còrr is dà fhichead bliadhna. Ron a sin bha e deugachadh a bhliadhnaichean air feadh Alba anns an t-Seirbhis Chatharra agus thug e cuideachd dà bhliadhna anns an arm ann a Sasainn ‘s an Èirinn a’ dèanamh a Sheirbhis Nàiseanta. Agus thug e fad' a bheatha, cha mhòr bho thàinig e dhan an t-saoghal ann a 1938, a’ leantainn neo a’ cluiche ball-coise agus raon-cluiche sgioba Chàrlabhaigh còmhnard mu choinneamh an taigh anns na rugadh ‘s na thogadh e air Sràid Sheumais.

B’ e athair Thormoid, Tormod Beag Thormoid Sheumais agus bràthair athair, Coinneach, a thog an taigh air Druim na Lic, agus ceann aig gach duin’ ac’, air an tug iad Cnoc Glas ( às dèidh an àite far na thogadh iad am Mullach Chàrlabhaigh). B’ ann à Seisiadar anns a' Rubha a bha a mhàthair, Cairistiona Alasdair Dhòmhnaill Bhàin.

Anns a' chiad prògram de cheithir tha Tormod ag innse do 'dh'Annella Nicleòid mu thoiseach a là. Rugadh e bliadhna mus do thòisch an dàrna cogadh ‘s ged a bha athair sa chogadh bha toiseach a là aig Tormod dòigheil, toilicht’ gu là reoite, geamhraidh ‘s e mu thrì bliadhna a dh'aois, nuair a bha tubaist aige. Cluinnidh sinn cuideachd mar a fhuair e am far-ainm 'Am Brot', mu thurchartas sealbhach aig àm a' chogaidh agus gheibh sinn a-mach carson a bha Tormod a' toirt taic do sgioba ball-coise Rangers fad a bheatha.

42 minutes

Last on

Sun 12 Apr 2020 10:00

Broadcasts

  • Tue 7 Apr 2020 12:20
  • Tue 7 Apr 2020 22:00
  • Sun 12 Apr 2020 10:00