Main content
Sorry, this episode is not currently available

Dòigh beatha às dèidh Corona-bhìorais

An t-slighe air adhart às dèidh an Corona-bhìorais. What will life look and feel like after Coronavirus. bbc.co.uk/coinneach

Tha staing a' Chorona-bhìorais air buaidh a thoirt air an t-saoghal ann an dòighean nach fhaca daoine bho àm an Dàrna Cogaidh. Tha ar beathannan làitheil air a dhol bun os cionn agus tha sinn a’ deiligeadh le suidheachadh dùbhlanach a mhaireas ùine fhathast agus chan eil cinnt ann dìreach dè seòrsa saoghal a bhios againn às a dhèidh. Ach thig latha nuair a tha an galar uabhasach seo fo smachd agus, mean air mhean, tillidh sinn gu ar beathannan àbhaisteach.

Ach tha cuid den bheachd gur e tilleadh dhan àbhaist an rud as miosa a dh’fhaodadh tachairt.

Thathar ag radh gu bheil an suidheachadh-èiginneach seo a’ dearbhadh gu bheil an t-àm ann sgrùdadh a’ dheanamh agus ceistean a thogail air ciamar a ghabhas cùisean atharrachadh anns an t-saoghal agus dòigh-beatha nas fheàrr a chruthachadh dhuinn uile.

Tha panail de cheathrar a' toirt am beachdan air a’ chùis agus beagan fàidheadarachd a’ dheanamh ach dè dh’fhaodadh a bhith romhainn ann an saoghal as dèidh a’ chorona-bhìorais. bbc.co.uk/coinneach

57 minutes

Last on

Wed 29 Apr 2020 21:00

Broadcasts

  • Wed 29 Apr 2020 08:30
  • Wed 29 Apr 2020 21:00