Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1088
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1088. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 27 May 2020
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 784
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1088
Duration: 05:00
Litir 1088: An DÃ m air Loch na Maighe
Bha linn ann, agus na Cuimeanaich is Clann ʼic an Tòisich nan dearg nà imhdean do chèile. Bha fear de cheannardan Clann ʼic an Tòisich air murt is marbhadh a dhèanamh air Cuimeanaich ann an Caisteal Inbhir Narann. Chuir na Cuimeanaich romhpa dìoghaltas fhaighinn. Bha seo anns a’ chòigeamh linn deug.
Chuir na Cuimeanaich armailt mhòr ri chèile. Chaidh iad gu ruige A’ Mhuigh, deas air Inbhir Nis, prìomh à ros aig ceann-cinnidh Clann ʼic an Tòisich. Ach cha robh sgeul air Mac an Tòisich no a luchd-leantainn. Bha iad air eilean ann an Loch na Maighe. Bha ceithir cheud duine cruinn còmhla air an eilean.
Ciamar a bha na Cuimeanaich a’ dol a thoirt buaidh orra? Uill, dh’fhaodadh iad feitheamh gus nach biodh biadh air fhà gail air an eilean. Ach bha Loch na Maighe là n bhreac is bhreac-dearga. Bha biadh timcheall air na daoine.Â
Chruthaich na Cuimeanaich plana – car annasach, co-dhiù ma tha sinn a’ creidsinn a’ chunntais ann an Nua-chunntas Staitistigeach na h-Alba, a nochd ann an clò ann an ochd ceud deug, ceathrad ʼs a còig (1845). Tha Allt Fionntaig a’ sruthadh a-mach à Loch na Maighe aig a cheann a deas. Thog na Cuimeanaich dà m air an allt, dìreach far a bheil e a’ fà gail an locha. Air taobh an locha dhen dà m, bha dèileachan fiodha. Nuair a dh’èireadh Loch na Maighe, bhiodh an t-eilean air a chòmhdachadh le uisge, agus dh’fheumadh an nà imhdean teicheadh airson am beatha.
Uill, bha am plana ag obair. Ach, eadhon mus do dh’èirich an loch ro fhada, bha e follaiseach do Chloinn ʼic an Tòisich gun robh am biadh aca a’ fàs gann, agus gu feumadh iad teicheadh. Thà inig fear dhiubh air adhart. Dh’iarr e air a cheann-chinnidh plana aige a chur an sàs a chuireadh às do na Cuimeanaich. Fhuair e cead.
Thog e rà th – tha mi an dùil, le logaichean. Tha an cunntas ag ainmeachadh rà th co-dhiù. Agus ʼs dòcha gun robh sin glic, seach a bhith a’ falbh ann am fear de na bà taichean – a bhiodh follaiseach do na Cuimeanaich. Rinn an duine seo fà sagan – no bungs – de dh’fhiodh. Thug e leis sreang, ròp agus tora, no auger, airson tuill a dhèanamh anns na dèileachan.
Dh’fhalbh e a-mach ann an dorchadas na h-oidhche. Rà inig e an dà m. Chan fhaca na Cuimeanaich e. Rinn e tuill anns na dèileachan. Chuir e fà sag anns gach toll, agus cheangail e sreangan is ròp ris na fà sagan. Tharraing e air an ròp agus thà inig na fà sagan uile a-mach aig an aon à m. Chaidh uisge tro na tuill le neart, agus sguabaich e an dà m air falbh. Bha tuil mhòr ann an uair sin.
Gu mì-fhortanach do na Cuimeanaich, cha robh luchd-faire aca, agus bha iad a’ campachadh dìreach fon dà m. Chaidh tòrr dhiubh a mharbhadh anns an tuil. Feumaidh nach robh gaisgeach na Maighe luath gu leòr ann a bhith a’ pleadhagaich an rà tha aige air falbh. Chaidh a bhà thadh anns an tuil, no chaidh a mharbhadh le Cuimeanaich.
A bheil fìrinn sam bith anns an stòiridh? Dh’fhaodadh gu bheil. Ann an ochd ceud deug, ochdad ʼs a ceithir (1884), chaidh tòrr chlachan, measgaichte le crèadh, a lorg far a bheil an t-allt a’ fà gail an locha. Bhathar a’ smaoineachadh gum b’ e sin pà irt dhen dà m a chaidh a thogail còrr is ceithir cheud bliadhna roimhe.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Nua-chunntas Staitistigeach na h-Alba: The New Statistical Account of Scotland; Allt Fionntaig: Funtack Burn; dà m: dam; rà th: raft; logaichean: logs; fà sag: bung (partic. for boat); tora: auger; dèileachan: planks; tuil: flood; a’ pleadhagaich: paddling (using a paddle).
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Bha linn ann, agus na Cuimeanaich agus Clann ʼic an Tòisich nan dearg nà imhdean do chèile: there was a time when the Cummings and the Mackintoshes were dire enemies of each other; chuir na Cuimeanaich armailt ri chèile: the Cummings put a military force together; anns a’ chòigeamh linn deug: in the fifteenth century; cha robh sgeul air Mac an Tòisich no a luchd-leantainn: there was no sign of [the] Mackintosh or his followers; bha ceithir cheud duine cruinn còmhla: there were four hundred people gathered together; dh’fhaodadh iad feitheamh gus nach biodh biadh air fhà gail: they could wait until there was no food left; là n bhreac is bhreac-dearga: full of trout and Arctic charr; dh’fheumadh an nà imhdean teicheadh airson am beatha: their enemies would have to flee for their lives; dh’iarr e air a cheann-chinnidh plana aige a chur an sà s: he asked his clan chief to put his plan into motion; a chuireadh às do na Cuimeanaich: that would destroy the Cummings; shruth uisge tro na tuill le neart: water flowed through the holes with force; sguabaich e an dà m air falbh: it swept the dam away; cha robh luchd-faire aca: they had no watchmen; bha iad a’ campachadh dìreach fon dà m: they were camped just below the dam; chaidh a bhà thadh anns an tuil: he was drowned in the flood; a bheil fìrinn sam bith anns an stòiridh?:is there any truth in the story? dh’fhaodadh gu bheil: perhaps there is; measgaichte le crèadh: mixed with clay; bhathar a’ smaoineachadh gum b’ e sin pà irt dhen dà m: it was thought that that was part of the dam.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: gu ruige A’ Mhuigh: to Moy. Until now, I have followed ‘standard’ texts in terms of the Gaelic for Moy, but I have been alerted to accurate local usage by the Gaelic scholar Dr. Seumas Grannd, who has family connections to Moy. He knew the last native Gaelic speakers of the area, the Dunbars of Invereen, and they said A’ Mhuigh for Moy and Loch na Maighe for Loch Moy. I’m always happy to be corrected. If you hear or read anything you think is wrong or questionable in a Litir, please contact me on roddy.maclean@bbc.co.uk.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Chuir na Cuimeanaich romhpa dìoghaltas fhaighinn: the Cummings decided to get revenge.
Broadcasts
- Sun 24 May 2020 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 27 May 2020 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.