Main content
Sorry, this episode is not currently available

Prìosanach aig St Valery

Coinneach MacÌomhair a bruidhinn ri Dòmhnall Iain Dhonnchaidh mu St Valery agus mu bhith na phrìosanach cogaidh. Donald John MacDonald tells of his capture at St Valery in WW2.

Do na gillean uile, mar theisteanas air misneachd, fad-fhulangas agus uaisle ri aodann geur-leanamhainn … na facail a sgrìobh am bàrd Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Dòmhnall Iain Dhonnchaidh à Peighinn an Aoireann an Uibhist a Deas aig toiseach a leabhar aige Fo Sgàil a’ Swastika, a thainig a-mach an toiseach ann a 1974, a thug cunntas air mar a ghlacadh e aig St Valery agus mar a thug e ceithir bliadhna na phrìosanach as a’ Ghearmailt aig àm an darna cogaidh.

A seo tha e ag innse mar a chaidh an glacadh 's mar a choisich iad airson trì seachdainean gus mu dheireadh a chaidh an cuir ann an carbadan chruidh gus na ràinig iad Campa Stalag IX-C sa Ghearmailt. Bha tòrr Gàidhlig am measg nam prìosanach agus bha iad air an cuir còmhla airson obair ann an cuaraidh chlach aig Mühlhausen. Theich e fhèin's fear eile às a' champa agus chaidh an cuir an grèim agus b' e am peanas a fhuair iad 21 là air uisge 's aran ann an cealla. Cha do chuir sin stad air ge-tà agus dh'fheuch e air falbh a-rithist bho mèinn shalainn Merkers. Ri linn sin fhuair e trì miosan cruaidh shaothair ann an cuaraidh chlach eile aig Masbach.

Tha Dòmhnall Iain Dhonnchaidh ag innse do Choinneach MacIomhair mar a thachair.

30 minutes

Last on

Sun 14 Jun 2020 16:05

Broadcasts

  • Fri 12 Jun 2020 09:30
  • Sun 14 Jun 2020 16:05