Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Iain MacLeòid, an Eaglais Shaor Leantainneach

Seirbheis còmhla ris an Urr Iain MacLeòid bhon Eaglais Shaor Leantainneach. Gaelic service with Rev John MacLeod, retired minister with the Free Church (Continuing.)

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 69: 35-36 air fonn Torwood agus ‘s e Fionnlagh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanalan Eaglaisean Leòdhais agus na Hearadh a chaidh a chlàradh ann an Eaglais Shaor a’ Bhac.

Salm 59: 16-17 air fonn Stornoway agus ‘s e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.

Salm 89: 15-16 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a’ Bhac .

Leughadh: Micah 7: 8-12 & 16-19
Ceann-teagaisg: Micah 7: 9

Rugadh agus thogadh an t-Urramach Iain MacLeòid ann an sgìre Shiaboist ann an Leòdhas. Bha e a' teagasg ann an Obar Dheathain airson fichead bliadhna. Às dèidh sin chaidh e a Cholaiste na h-Eaglais Saoire ann an Dùn Èideann ann an 1980, agus chaidh a ghairm gu coitheanal Dhuthail-Doruis (Duthel Dores) far an robh e na mhinistear gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006. Thill e a dh'fhuireach ann an Siabost far a bheil e a' cur seachad ùine a' leughadh, a' gàirnealaireachd agus a' searmonachadh ann an coitheanalan a tha bàn.

30 minutes

Last on

Sun 5 Jul 2020 21:00

Broadcasts

  • Sun 5 Jul 2020 09:00
  • Sun 5 Jul 2020 21:00