Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Calum Iain MacLeòid

Seirbheis còmhla ris an Urr Calum Iain MacLeòid, Eaglais Fearann na Tòiseachd agus Ruigh Sholais. Gaelic service with Rev Calum I MacLeod, Fernitosh and Resolis Free Church

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:
Salm 23: 1-2 air fonn Free Church agus ‘s e Aonghas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Seamanaraidh an h-Eaglaise Saoire ann na Steòrnabhagh.
Salm 73: 23-25 air fonn Torwood agus ‘s e Murchadh MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 84: 4-6 air fonn Kilmarnock agus ‘s e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a’ Bhac.

Leughadh: Romanaich 7: 19-25 & 8: 1-2
Ceann-teagaisg Romanaich 7:24

Tha bliadhna gu leth bhon a chaidh an t-Urramach Calum Iain MacLeòid a phòsadh ri coitheanal Fearann na Tòiseachd agus Ruigh Sholais. Thug e ochd bliadhna roimhe sin os cionn coitheanal Eaglais Shaor a’ Bhac agus roimhe sin bha e ann am Barabhas. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd, bha e na mhanaidsear air Pròiseact Urras Choimhearsnachd Chalanais agus nan Geàrranan air taobh siar Leòdhais.

'S ann do dh'eilean Sgalpaigh a bhuineas Calum Iain, agus thàinig e gu bhith na Chrìosdaidh nuair a bha e trì bliadhna deug a dh'aois. Tha e fada an comainn an Urramaich Alasdair Mac a' Ghobhainn, a bha na mhinistear ann an Eaglais Shaor Sgalpaigh aig an àm, airson an taic agus an stiùireadh a thug e dha na òige.

Tha e pòsta aig Dina agus tha triùir chloinne aca, Anne Marie, Rachel Kate agus Eilidh. Nuair a gheibh e ùine dha fhèin, is toigh leis a bhith ag iasgach, a' coiseachd agus a' coimhead eunlaith.

30 minutes

Last on

Sun 19 Jul 2020 15:00

Broadcasts

  • Sun 19 Jul 2020 09:00
  • Sun 19 Jul 2020 15:00