Main content
Sorry, this episode is not currently available

Aonghas Greumach, a Misean, à Borgh a Leòdhas

Sgeulachdan seòlaidh 's cogaidh bho Aonghas Greumach, neo a Misean à Borgh aLeòdhas. Angus Graham tells of his time in the Merchant Navy and also at Dunkirk and St Valery.

Rugadh Aonghas Greumach, neo a Misean mar a b'fheàrr a dh'aithnichear e, ann am Borgh, Leòdhais ann an 1905. B' e an ceathramh duine den t-seachdnar chloinne a bh’ aig Dòmhnall Mìcheal agus a bhean, Màiri.

Dh'fhàg e Sgoil Airidhantuim aig ceithir bliadhna deug agus, le obair cho gann an àm a’ Chiad Chogaidh, bha e a' cuideachadh a phàrantan le obair na croit airson ùine an toiseach.

Bha Aonghas a' miannachadh a dhol gu muir ach bha fhios aige nach fhaigheadh e dhan RNR gus am biodh e ochd deug. Cha do chuir sin stad air ge-tà! Bha a bhràthair mòr, air an robh Aonghas cuideachd, air eilthireachd a dh'Astràilia. Chleachd Aonghas còir cairt aithneachaidh a bhràthar agus fhuair e tron h-uile ceum, eadar dotair, cusbain is eile agus ann an ùine ghoirid bha e ann an Chatham Barracks airson sia seachdainean trèanaidh.

Às dèidh greiseag ag obair air an seann A9 thàinig an ath dhrile am Portsmouth agus cho luath ‘s a bha sin seachad, stad e a Lunnainn agus thuirt e ris fhèin gu robh e dol a dh’fheuchainn air soitheach sa Chabhlach Mharsanta.

Mar a dh'innis Aonghas do Joan Alice NicIomhair, cha robh càil a dhùil aige air a' chiad bhòids' gun toireadh e glè fhaisg air leth-cheud bliadhna aig muir!

30 minutes

Broadcasts

  • Thu 23 Jul 2020 12:00
  • Thu 23 Jul 2020 22:30
  • Sun 26 Jul 2020 09:30