Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1101
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1101. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 26 Aug 2020
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 797
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1101
Duration: 05:00
Litir 1101: Briathrachas Fhuaimean (3)
An t-seachdain sa chaidh thug mi am facal ²õ²µ¾±Ã¹³¦²¹²Ô dhuibh. Fuaim na circe-fraoich. ʼS e gog no gogadaich a chanas sinn ri gairm a’ choilich-fhraoich. A bheil sibh eòlach air an fhacal ³¦Ã ²Ô°ù²¹²Ô? Tha e a’ ciallachadh a bhith a’ dèanamh gearan no pronndal – grumbling, muttering. Sin am fuaim a bhios geòidh a’ dèanamh. Cà nran nan gèadh.
Ann am Beurla, bidh tunnagan ag rà dh, ‘quack, quack’. Ann an Gà idhlig, bidh iad ag rà dh fà -ug, fà -ug. Fà -ug, fà -ug. Bidh cearcan ag rà dh gog gog ann an Gà idhlig seach cluck cluck. Gog gog. Agus bidh coileach a’ gairm Gog-a-Ghuidh-Ghaoith, an à ite Cock-a-doodle-do. Gog-a-Ghuidh-Ghaoith.Â
ʼS e gà g gà g a bhios aig feannagan is starragan. Gà g gà g. Bidh iad ri ²µ°ùà ³¦²¹²Ô. Bidh fithich ag rà dh gròg gròg. Gròg gròg. Ann am Beurla, canaidh a’ chuthag cuckoo, cuckoo. Ach, ann an Gà idhlig, bidh i ag rà dh gug-gùg, gug-gùg. Agus bidh an iolaire-bhuidhe ag rà dh glì-ug, glì-ug. Chan ann tric a chluinneas sinn iolaire-bhuidhe, ge-tà .
An robh sibh riamh ann an uamh far am bi ur guth iongantach mòr, fad-à s is domhainn? Le beagan de mhac-talla ann. Tha e mar gu bheil am fuaim a’ tighinn bho shaoghal eile. ʼS e sin ³¾Ã²³Ù³ó²¹°ù ann an Gà idhlig. A deep unearthly sound. Mòthar.
Nan cluinneadh sibh clach a’ tuiteam a dh’uisge, dè am fuaim a bhiodh ann? ʼS e sin plub. Plub. Nam biodh sreath chlachan a’ tuiteam a dh’uisge, tè an dèidh a chèile gu sgiobalta, ʼs e plubraich a bhiodh ann. Plubraich.
Dè mu dheidhinn fuaimean nach eil cho cumanta? Ciamar a chanas sinn sizzle ann an Gà idhlig? Tha »å°ùù¾±²õ±ð²¹»å³ó ann. Drùiseadh. Tha dearrasan ann cuideachd. No dearrasanaich. Tha sin a’ gabhail a-steach crackling, agus fuaim brataich air latha gaothach. Agus tha °ùà ²õ³Ù²¹±ô ann. Airson °ùà ²õ³Ù²¹±ô, tha faclair Dwelly ag rà dh sizzling sound, as of flesh being fried. Facal math airson barbaiciù, ʼs dòcha!
Agus hiss? Ciamar a chanas sinn hiss ann an Gà idhlig? Uill, bidh sinn a’ cleachdadh an fhacail fead airson sin uaireannan. Fead – a whistle or hiss. Fead an aonaich – ʼs e sin am fuaim a nì a’ ghaoth ann am fraoch air beinn, no aonach. Fead an aonaich.
Tha siosarnaich ann cuideachd. Hissing. Siosarnaich. Ma bhios nathair a’ siosarnaich, nì i fais. Fais! – hiss! Agus ²õè¾±»å°ù¾±³¦³ó. Hissing, snorting. Sèidrich. Sin cuideachd am fuaim a bhios mucan-mara agus leumadairean a’ dèanamh nuair a leigeas iad èadhar a-mach. Sèidrich. Tha e eadar-dhealaichte bho sitrich no sitir. ʼS e sin am fuaim aig each. Rinn an t-each sitir ‘the horse neighed’. Bha na h-eich a’ sitrich ‘the horses were neighing’.
Bu mhath leam crìoch a chur air mo chunntas de bhriathrachas nam fuaimean le seo – lapan no slapan. ʼS e sin am fuaim a bhios duine a’ dèanamh ma bhios na bòtannan aige là n uisge, agus e a’ coiseachd annta. Lapan. Mar sin leibh.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: ²µ°ùà ³¦²¹²Ô: cawing of a crow; fithich: ravens; cuthag: cuckoo; mac-talla: echo; plub: the sound of a stone falling into water; bòtannan: [welly] boots.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Fuaim na circe-fraoich: the sound of the female red grouse; gairm a’ choilich-fhraoich: the call of the male red grouse; am fuaim a bhios geòidh a’ dèanamh: the noise that geese make; ³¦Ã ²Ô°ù²¹²Ô nan gèadh: the call of the geese; ʼs e gà g gà g a bhios aig feannagan is starragan: hoodie crows and common crows say gà g gà g; chan ann tric a chluinneas sinn iolaire-bhuidhe, ge-tà : it’s not often we hear a golden eagle, however; an robh sibh riamh ann an uamh?: were you ever in a cave?; far am bi ur guth iongantach mòr, fad-à s is domhainn: where your voice is amazingly large, distant and deep; mar gu bheil am fuaim a’ tighinn bho shaoghal eile: as if the sound were coming from another world; nan cluinneadh sibh clach a’ tuiteam a dh’uisge: if you heard a stone falling into water; nam biodh sreath chlachan a’ tuiteam a dh’uisge: if a series of stones were falling into water; fuaim brataich air latha gaothach: the sound of a flag on a windy day; am fuaim a nì a’ ghaoth ann am fraoch air beinn: the sound that wind makes in heather on a mountain; ma bhios nathair a’ siosarnaich: if a snake hisses; am fuaim a bhios mucan-mara agus leumadairean a’ dèanamh nuair a leigeas iad èadhar a-mach: the sound that whales and dolphins make when they exhale; bu mhath leam crìoch a chur air mo chunntas: I’d like to finish my account.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: If fead means ‘whistle’ or ‘hiss’, have you ever wondered why the Gaelic children’s game, which is an equivalent to hide-and-seek, is generally called falach-fead? Whereas in English, the seeker generally counts to an agreed number before he or she starts seeking, and then shouts out that they are ‘coming, ready or not’, the Gaelic version traditionally allowed the hiders to find their hiding places, at which point one of them would give a loud whistle (a sound whose source is not easy to locate). An alternative name for the game is ´Ú²¹±ô²¹³¦³ó-²µÃ¬´Ç²µ, which really means the same as the English.Â
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Fead an aonaich: the hissing sound of the wind in heather on a mountainside.
Broadcasts
- Sun 23 Aug 2020 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 26 Aug 2020 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.