Main content
Sorry, this episode is not currently available

Taghadh bàrdachd na seachdain

A' bhàrdachd a chaidh a thaghadh an t-seachdain sa airson Mìos na Bàrdachd againn. A compilation of the poems chosen this week by listeners for our Poetry Month.

A h-uile là seachdaineach san t-Sultain air ´óÏó´«Ã½ Radio nan Gàidheal, tha sinn a’ cluinntinn na taghaidhean bàrdachd Ghàidhlig as fhèarr le grunn dhaoine bho thall ‘s a bhos. Dh’fhaighnich sinn dhaibh dè an dàn as fhèarr leòtha agus carson a tha e cudromach dhaibh. A seo tha cothrom agaibh èisteachd ri taghaidhean na seachdain a dh’ fhalbh agus ri tha tha ri thighinn an t-seachdain sa tighinn.

‘S ann à Poblach nan Seic a tha Petra Poncarova agus thagh i dàn Bùrn is Mòine ‘s Coirce le Ruaraidh MacThòmhais. Mìnichidh Iain Gordon Dòmhnallach an eachdraidh air cùlaibh Trì Fichead Bliadhna ‘s a Trì, pìos bàrdachd eireachdail bhon 19mh linn. Innsidh Màiri Liz NicFhionghain mar a dh’ fhosgail dàin leithid An Roghainn le Somhairle Macllleathain saoghal ùr dhi agus thagh Ciorstaidh Nicleòid seann bhàrdachd Ghàidhlig, Alasdair à Gleann a Garadh le Sìleas na Ceapaich. 'S e an dàn as sinne a th’ againn anns a' Ghàidhlig a chaidh a dhèanamh le boireannach a roghnaich Màrtainn MacGriogair, A Phaidrin do Dhùisg mo Dhear le Aithbhreac Inghean Corcadail agus tha na adhbharan pearsanta fhèin aig Karen Oakley airson Faoin Thàladh le Dòmhnall Mac Colla a thaghadh.

30 minutes

Last on

Sun 27 Sep 2020 16:05

Broadcast

  • Sun 27 Sep 2020 16:05