Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1110
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1110. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 28 Oct 2020
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 806
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1110
Duration: 05:00
Litir 1110: Mac an t-Srònaich (1)
O chionn fhada, ann an Litir fichead ’s a h-ochd (28), sgrìobh mi mun t-sealgair agus murtair, Fionnladh Dubh MacRath. Ged a bha e a’ fuireach air tìr-mòr, ann an Siorrachd Inbhir Nis, bhiodh pà rantan eadhon anns na h-eileanan a’ bagairt air an cuid chloinne – ‘Ma bhios sibh dona, thig Fionnladh Dubh air ur son!’
Anns an latha an-diugh, ann an Eilean Leòdhais, chanainn gu bheil glè bheag de dhaoine a’ cuimhneachadh Fhionnlaidh Dhuibh. ’S dòcha gur e as coireach ri sin gu bheil bodach ‘olc’ eile aca anns an eilean sin, agus anns Na Hearadh – Mac an t-Srònaich. Bha Fionnladh Dubh beò o chionn còrr is trì cheud bliadhna. Bha Mac an t-Srònaich beò o chionn nas lugha na dà cheud bliadhna anns an eilean fhèin. Tha sin, co-dhiù, a rèir beul-aithris.
’S iomadh naidheachd a th’ aig muinntir Leòdhais fhathast mu Mhac an t-Srònaich. Bhiodh pà rantan ag rà dh ris a’ chloinn aca, ‘Ma bhios sibh mì-mhodhail, thig Mac an t-Srònaich air ur son.’ Bha e a’ fuireach ann an à iteachan uaigneach, agus ’s ann le murt a gheibheadh e biadh. Ach cò bh’ ann? Agus an e murtair ann an dha-rìreabh a bh’ ann? Chan eil sinn cinnteach, ach seo na thathar ag rà dh mu dheidhinn.
Bha athair Mhic an t-Srònaich na òstair ann an Gairbh ann an Siorrachd Rois trà th anns an naoidheamh linn deug. Tha stòiridh eile ann gur ann à Ulapul a bha e, agus gun robh taigh-aoidheachd aig a phà rantan an sin. Ann am Beurla, ’s e Stronach an t-ainm a bh’ air. Tha an cinneadh sin cumanta gu leòr air taobh an ear na Gà idhealtachd agus ann an Siorrachd Obar Dheathain. Thathar ag rà dh cuideachd gun robh athair an òstair na mhinistear ann an Loch a’ Bhraoin.
Chaidh Mac an t-Srònaich – gille an òstair – a Leòdhas airson ceartas a sheachnadh, an dèidh dha a phiuthar a mhurt. Bha bana-charaid aig a phiuthar, agus bha i a’ fuireach anns an taigh còmhla riutha. Mar a bha cumanta aig an à m sin, bhiodh na caileagan a’ cadail còmhla anns an aon leabaidh. Tha cuid dhen bheachd gun do thachair seo timcheall na bliadhna ochd ceud ’s a dhà -dheug (1812).
Nise, bha seud-muineil òir aig an nighinn a bha seo. Bha Mac an t-Srònaich ga iarraidh. Feumaidh gun robh e gu math luachmhor. Ge-tà , oidhche a bha seo, bha a’ chlann-nighean ri gòraiche, agus chuir piuthar a’ ghille an seud-muineil timcheall a muineil fhèin. ’S ann mar sin a bha na caileagan nuair a chaidh Mac an t-Srònaich a-steach don t-seòmar-chadail air an oidhche, agus e ag amas air an seud-muineil a ghoid.Â
Nuair a tharraing Mac an t-Srònaich air an t-seud, dhùisg a’ chaileag agus dh’èigh i a-mach. Mharbh Mac an t-Srònaich i airson a cumail sà mhach. ’S ann an uair sin a mhothaich e nach e caraid a pheathar a bh’ innte, ach a phiuthar fhèin. Theich e, agus dh’fhalbh e a dh’Eilean Leòdhais far an robh cà irdean aige a’ fuireach.
Ge-tà , bha e do-dhèante dha a bhith a’ fuireach gu follaiseach. Dh’fhalbh e a dh’fhuireach ann an à iteachan uaigneach. Thòisich e an uair sin, a rèir beul-aithris, air gnothaichean eucoireach ann an Leòdhas. Bheir sinn sùil air eachdraidh an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: sealgair: hunter; murtair: murderer; Siorrachd Inbhir Nis: Inverness-shire; Eilean Leòdhais: the Isle of Lewis; uaigneach: remote; Gairbh: Garve; Siorrachd Rois: Ross-shire; taigh-aoidheachd: guest house; Siorrachd Obar Dheathain: Aberdeenshire; luachmhor: valuable; cà irdean: relations; eucoireach: criminal.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: bhiodh pà rantan eadhon anns na h-eileanan a’ bagairt air an cuid chloinne: parents, even in the islands, would threaten their children;’s dòcha gur e as coireach ri sin gu bheil bodach ‘olc’ eile aca: perhaps the fact that they have another evil figure is responsible for that; seo na thathar ag rà dh mu dheidhinn: here is what is said about him; chaidh Mac an t-Srònaich a Leòdhas airson ceartas a sheachnadh: Mac an t-Srònaich went to Lewis to avoid justice; an dèidh dha a phiuthar a mhurt: after he had murdered his sister; bhiodh na caileagan a’ cadail còmhla anns an aon leabaidh: the girls would sleep in the one bed; bha a’ chlann-nighean ri gòraiche: the girls were being silly; chuir piuthar a’ ghille an seud-muineil timcheall a muineil fhèin: the lad’s sister put the necklace around her own neck; ag amas air an seud-muineil a ghoid: aiming to steal the necklace; dhùisg a’ chaileag agus dh’èigh i a-mach: the girl awoke and shouted out; nach e caraid a pheathar a bh’ ann, ach a phiuthar fhèin: that it wasn’t his sister’s friend but his own sister; bha e do-dhèante dha a bhith a’ fuireach gu follaiseach: it was impossible for him to live openly.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bha seud-muineil òir aig an nighinn a bha seo: this lass had a gold necklace [lit. ‘neck-jewel’]. The commonest word today for ‘neck’ in a human is amhaich (dialectally amhach), but this can also stand for ‘throat’. Muineal is an alternative word for ‘neck’ but not for ‘throat’, and Dwelly gives its meaning as ‘the neck of a person’, contrasting it with amhach for the neck ‘of a beast’. Muineal also occurs in the landscape for a ‘neck’ of land’, and the Gaelic for the cervix is muineal na machlaig ‘the neck of the womb’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ’S iomadh naidheachd a th’ aig muinntir Leòdhais fhathast: the people of Lewis still have [tell] many anecdotes.
Broadcasts
- Sun 25 Oct 2020 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 28 Oct 2020 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.