12/11/2020
An dìleab a dh'fhà g Henrietta Lacks às a dèidh. The legacy of Henrietta Lacks.
Tha 100 bliadhna ann bho rugadh Henrietta Lacks, a bhà saich aig aois 31 's aillse oirre. Mar phà irt den leigheas a bha Henrietta a’ faighinn, chaidh an stuth-cealla aice a chruinneachadh agus a thoirt do luchd-rannsachaidh, gun chead. Chaidh an stuth-cealla an uair sin a chleachdadh ann an iomadh pìos rannsachaidh chudromach thar nam bliadhnaichean agus tha an obair a chaidh a dhèanamh leis fhathast na phà irt mhòr de rannsachadh airson aillse agus galaran gabhaltach – nam measg Covid-19. Tha an t-eòlaiche bith-eòlas Mà iri NicRath a’ mìneachadh mar a thà inig seo gu bith agus an dìleab a dh'fhà g Henrietta Lacks às a dèidh.
Tha an neach-naidheachd Ruairidh MacÌomhair ag innse dhuinn mun chiad phrògram san t-sreath ùr de Eòrpa, far a bheil e a’ faighneachd ciamar a bu chòir eachdraidh agus dìleab na trà illeachd a bhith air a chomharrachadh air Ghà idhealtachd.
Tha dà chompanaidh a tha a' cruthachadh dhrogaichean agus cungaidhean-leighis air tighinn còmhla 's iad air banachdach Covid-19 a chruthachadh a tha iad am beachd a tha èifeachdach. Mìnichidh Dùghlas Moireasdan, Rannsaiche Saidheans aig Oilthigh Ghlaschu, mar a tha na companaidhean dhrogaichean seo ag obair.
Agus tha an t-eòlaiche-inntinn Dòmhnall MacLeòid a’ toirt dhuinn beachd air mar a dhèilig a’ Cheann-suidhe Dòmhnall Trump ri toraidhean an taghaidh sna Stà itean Aonaichte.
Last on
Broadcast
- Thu 12 Nov 2020 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal