Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1115
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1115. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 2 Dec 2020
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 811
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1115
Duration: 05:00
Litir 1115: Smeòrach Chlann Raghnaill
Bha sinn a’ toirt sùil air ‘Smeòrach Chlann Dòmhnaill’ le Iain MacCodruim. A-nise, tha mi airson sùil a thoirt air dà n eile – ‘Smeòrach Chlann Raghnaill’ le Alasdair mac Mhaighstir Alasdair. Agus tha mi airson a’ cheist a chur – an tug an dà rna fear buaidh air an fhear eile?
Seo an t-sèist ann an Smeòrach Chlann Dòmhnaill:
Hoilibheag hilibheag hó ail il ó, Hoilibheag hilibheag hó ró i,
Hoilibheag hilibheag hó ail il ó, Smeòrach le Clann Dòmhnaill mi.
Agus a-nise an t-sèist ann an Smeòrach Chlann Raghnaill:
Hoile bho hì riag hò roll il ò, Hoile bho hì riag hò rò ì,
Hoile bho hì riag hò roll il ò, Smeòrach do Chlann Raghnaill mi.
Tha iad coltach ri chèile, nach eil? Co-dhiù, seo a’ chiad rann aig Mac Mhaighstir Alasdair:
Gura mise ’n smeòrach chreagach, An dèis leum bhà rr cuaich mo nidein;
Sholar bìdh do m’ eunaibh bheaga, Seinneam ceòl air bà rr gach bidein.
Chan eil a’ chiad rann ach ag ainmeachadh na smeòraich mar eun. Anns an dà rna rann, tha e a’ tighinn am follais gu bheil an t-eun a’ bruidhinn às leth Chlann Dòmhnaill anns na h-eileanan agus air taobh an iar Loch Abar – ’s e sin Clann Raghnaill.
Smèorach mise do Chlann Dòmhnaill, Dream a dhìtheadh ’s a leònadh,
’S chaidh mo chur an riochd na smeòraich, Gu bhith seinn ’s a’ cur ri ceòl dhaibh.
Anns a’ cheathramh rann, tha am bà rd gar suidheachadh ann an dùthaich Chlann Raghnaill. Tha an Caisteal Tioram ann am Mùideart agus tha Eilean Fhìanain ann an Loch Seile:
Do shliochd nan eun on Chaisteal Thioram, ’S o Eilean Fhìanain nan gallan,
Moch is feasgar togar m’ iolach, Seinn gu bileach, milis, mealach.
Tha an dà n a’ moladh Dòmhnallaich Chlann Raghnaill, ach tha e cuideachd a’ dearbhadh taic mhòr do na Seumasaich. Feumar cuimhneachadh gun robh Mac Mhaighstir Alasdair na Sheumasach do a smior. Seo agaibh dà rann a tha a’ foillseachadh taic do dh’adhbhar a’ Phrionnsa:
Ach mur tig mo Rìgh-sa dhachaigh, Triallaidh mi do dh’uamhaidh shlocaich
’S bidh mi ’n sin a’ caoidh ’s a’ basraich, Gus am faigh mi bàs le osnaich.
Ach ma thig mo Phrionnsa thairis, Cuirear mis’ an cliabhan lurach,
Bidh mi canntaireachd gu buileach, ’S ann ’na phailis nì mi fuireach.
Ach ma thig mo Phrionnsa thairis. A bheil sin a’ ciallachadh gun deach an dà n a sgrìobhadh, no co-dhiù a thòiseachadh, ro Bhliadhna a’ Phrionnsa? Tha beachd ann gun deach. Ach cha do nochd e ann an clò gu seachd ceud deug, seachdad ’s a sia (1776), an dèidh bàs an ùghdair – ach trì bliadhna ro bhàs MhicCodruim. Cha robh na dà in aig MacCodruim air an cur an clò gu às dèidh a bhà is fhèin.
Ma-thà , an do nochd Smeòrach Chlann Raghnaill an toiseach, agus an tug e buaidh air MacCodruim? Chan eil fhios a’m. Tha cuid ann an Uibhist dhen bheachd gun do sgrìobh MacCodruim a dhà n fhèin an toiseach, agus gun robh e air a chur ri fonn aig seann òran Uibhisteach mu na ròin – dham buineadh Clann ’ic Codruim fhèin! Agus fà gaidh mi a’ chonnspaid sin far a bheil i!

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Iain MacCodruim: John MacCodrum; Clann Raghnaill: Clanranald; Mùideart: Moidart; Loch Seile: Loch Shiel; canntaireachd: chanting; Bliadhna a’ Phrionnsa: 1745-6.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: an tug an dà rna fear buaidh air an fhear eile?: did one influence the other?; an dèis leum bhà rr cuaich mo nidein: after jumping out of the hollow of my wee nest; sholar bìdh do m’ eunaibh bheaga: supplying food to my wee chicks; seinneam ceòl air bà rr gach bidein: let me sing on top of every pinnacle; dream a dhìtheadh ’s a leònadh: a people who would perish and afflict; chaidh mo chur an riochd na smeòraich: I was put in the guise of the thrush; gu bhith seinn ’s a’ cur ri ceòl dhaibh: to sing and add to their music; gar suidheachadh ann an dùthaich Chlann Raghnaill: placing us in Clanranald territory; do shliochd nan eun on Chaisteal Thioram: for the descendants of the birds from Caisteal Tioram; o Eilean Fhìanain nan gallan: from Isle Finnan of the heroes; moch is feasgar togar m’ iolach: early and evening my clamour arises, seinn gu bileach, milis, mealach: singing from my beak, sweet and honeylike; taic do dh’adhbhar a’ Phrionnsa: support for the Prince’s cause; triallaidh mi do dh’uamhaidh shlocaich: I shall depart to a pitted hollow; a’ caoidh ’s a’ basraich: lamenting and wringing my hands; gus am faigh mi bà s le osnaich: until I meet a groaning death; ma thig mo Phrionnsa thairis: if my Prince comes over; cuirear mis’ an cliabhan lurach: I’ll be put in a lovely wicker chest; ’s ann ’na phailis nì mi fuireach: it’s in his palace I’ll be staying; air an cur an clò gu à s dèidh a bhà is fhèin: put in print until after his own death; na ròin – dham buineadh Clann ’ic Codruim fhèin: the seals – to which the MacCodrums themselves belonged; fà gaidh mi a’ chonnspaid sin far a bheil i: I’ll leave that controversy where it is.Ìý
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Feumar cuimhneachadh gun robh X na Sheumasach do a smior: it must be remembered that X was a Jacobite to his core [lit. marrow]. Feumar is an example of a passive verb and is very useful in this type of phrase. Feumar a’ bhileag seo a lìonadh ‘this leaflet/page must be filled out’; feumar aideachadh nach ruigear an ceann-uidhe a-nis ‘it must be admitted that the destination will not now be reached’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: tha e a’ tighinn am follais gu bheil an t-eun a’ bruidhinn às leth Chlann Dòmhnaill: it becomes apparent that the bird is speaking on behalf of Clan Donald.
Broadcasts
- Sun 29 Nov 2020 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 2 Dec 2020 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.