An t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn, an Eaglais Shaor Leantainneach
Seirbheis Ghà idhlig còmhla ris an Urr Iain Mac a' Ghobhainn bhon Eaglais Shaor Leantainneach. Rev Iain Smith, minister with the Free Church Continuing conducts the Gaelic Service
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 50: 5-6 air fonn Walsall agus ‘s e Alasdair MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Phort Rìgh.
Salm 119 : 164-165 air fonn London New agus ‘s e Coinneach Caimbeul a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Naomh Chaluim Chille ann an Dùn Èideann.
Salm 16: 10-11 air fonn Kilmarnock agus ‘s e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garrabost.
Leughaidhean : 1 Tesalonianaich 4: 13-17 & 2 Tesalonianaich 2: 2-12
Ceann-teagaisg: 1 Tesalonianaich 4:16
Rugadh an t-Urr Iain Mac a' Ghobhainn ann am Pabail Iarach anns an Rubha. Mus deach e a-steach airson na ministrealachd bha e na bhùidsear. Tha Mgr Mac a' Ghobhainn pòsta le dithis mhac. Chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige ann an 1994 far an robh e stèidhichte aig Eaglais Shaor Phartaig ann an Glaschu. Dh'fhuirich e an sin gu 2003, gus an do ghluais e gu Tasmania far an robh e na mhinistear ann an Eaglais Chlèireach cheann a deas na dùthcha. Thill e air ais dhan dùthaich seo ann an 2015 agus fhuair e gairm bho choitheanal Eaglais Shaor Leantainneach na Hearadh. Chaidh Mgr Mac a' Ghobhainn a phòsadh ris a' choitheanal sa Chèitean 2016. Tha Maighstir Mac a’ Ghobhainn an-diugh air ais ann an Leòdhas, a’ fuireach ann an Ceann a Tuath nan Loch agus air a dhreuchd a leigeil dheth. Tha e fhathast a’ searmonachadh agus a-nise a' cur seachad tòrr ùine aig an taigh a’ dèanamh rud a tha a còrdadh ris gu mòr, ‘s e sin DIY.
Last on
Broadcasts
- Sun 13 Dec 2020 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 13 Dec 2020 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Jul 2021 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Jul 2021 15:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal