Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1121
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1121. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 13 Jan 2021
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 817
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1121
Duration: 05:00
Litir 1121: Anndra Moireach agus Caisteal Abhaich (1)
O chionn ghoirid ghabh mi cuairt bheag gu mullach cnuic anns an Eilean Dubh. Tha an t-à ite ainmeil agus tha brat-chrann air a’ mhullach, le bratach na h-Alba air. ʼS e an t-ainm a th’ air an à ite Ormond Hill. Bha uaireigin caisteal mòr air – Ormond Castle. Anns an leabhar aige – Place-names of Ross and Cromarty – tha Uilleam MacBhà tair ag innse dhuinn mun à ite. Ach chan eil e ag innse dhuinn dè a’ Ghà idhlig a th’ air Ormond Castle. Tha an t-à ite air aithneachadh ann am Beurla cuideachd mar ‘The Castle of Avoch’ oir tha e faisg air baile beag ris an canar Abhach. ʼS dòcha gur e Caisteal Abhaich a’ Ghà idhlig cheart air an daingnich.
Thathar a’ smaoineachadh gun deach an caisteal a thogail faisg air deireadh an dà rna linn deug, nuair a bha Uilleam Garbh, Uilleam mac Eanraig, na Rìgh. Bithear a’ gabhail ‘William the Lion’ air ann am Beurla. Bha e ag iarraidh caisteal rìoghail a bhith aige air cladach Linne Mhoireibh airson Inbhir Nis a dhìon.
Ceud bliadhna an dèidh sin, bha an caisteal ann an là mhan teaghlach cumhachdach – na Moirich. B’ e am fear a b’ ainmeile dhiubh Anndra Moireach. Bha e aithnichte ann am Beurla mar Andrew de Moray agus ann an Laidinn mar Andreas de Moravia.Â
Bha fearann mòr aig an teaghlach thall ann am Peitidh, faisg air Inbhir Nis, agus ann an à iteachan eile ann am Moireibh. Agus bha cuid de na Moirich air a bhith nan easbaigean, agus gu math cumhachdach anns an eaglais.
As t-earrach dà cheud deug, naochad ʼs a sia (1296), bha e follaiseach gun robh Rìgh Shasainn, Eideard I, a’ dèanamh deiseil airson armailt mhòr a thoirt a-steach a dh’Alba. Bha Eideard air brath a ghabhail air suidheachadh na h-Alba oir bha i à s aonais rìgh no banrigh. Bha e air toirt air an fheadhainn a bha ag iarraidh a bhith air rìgh-chathair na h-Alba aideachadh gun robh uachdranas aig Eideard air Alba. A-nise, bha na h-Albannaich a’ cur an aghaidh sin, agus a’ gairm an neo-eisimeileachd. Bha cogadh air fà ire.Â
Chaidh Anndra Moireach cuide ri athair gu ruige ceann a deas na h-Alba airson seasamh an aghaidh Eideard. Ach, aig Blà r Dhùn Barra, chaidh an latha leis na Sasannaich. Chaidh Anndra agus athair a ghlacadh. Bha athair air a chur don Tùr ann an Lunnainn, far an do chaochail e dà bhliadhna an dèidh sin. Bha Anndra air a ghlasadh ann an Caisteal Chester.
Cha robh e ann uabhasach fada, ge-tà . Uaireigin anns a’ gheamhradh rinn e dol-às bhon phrìosan aige. Rinn e a shlighe dhachaigh gu fearann athar ann an ceann a tuath na h-Alba. Anns an eadar-ama, bha Alba air fulang, gu h-à raidh leis gun do chuir an luchd-riaghlaidh Sasannach cìsean mòra air an t-sluagh. Tha e coltach gun robh Anndra fiadhaich mu dheidhinn.
Chaidh e gu caisteal athar faisg air Abhach. Thog e a shuaicheantas an sin agus chuir e an cèill mar a bha e a’ dol a sheasamh an aghaidh nan Sasannach ann an Alba. Aig an aon à m ʼs a bha am Moireach a’ tarraing luchd-taice thuige ann an ceann a tuath na h-Alba, bha fear eile a’ dèanamh an aon rud sa cheann a deas. B’ esan Uilleam Uallas. Còmhla, bhiodh Uallas agus Anndra Moireach ag atharrachadh eachdraidh na h-Alba.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: brat-chrann: flagpole; uaireigin: at one time; Uilleam MacBhà tair: William (J) Watson; Abhach: Avoch; Anndra Moireach: Andrew de Moray; Peitidh: Petty; Moireibh: Moray; a shuaicheantas: his standard; Uilleam Uallas: William Wallace.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: O chionn ghoirid ghabh mi cuairt bheag gu mullach cnuic anns an Eilean Dubh: recently I took a short trip to the summit of a hill on the Black Isle; air aithneachadh ann am Beurla mar: known in English as; a’ Ghà idhlig cheart air an daingnich: the correct Gaelic for the fortress; bha e ag iarraidh caisteal rìoghail a bhith aige: he wanted to have a royal castle; air cladach Linne Mhoireibh airson Inbhir Nis a dhìon: on the shore of the Moray Firth in order to protect Inverness; bha cuid de na Moirich air a bhith nan easbaigean, agus gu math cumhachdach anns an eaglais: some of the Morays had been bishops and very powerful in the church; a’ dèanamh deiseil airson armailt mhòr a thoirt a-steach a dh’Alba: preparing to enter Scotland with a large army; bha Eideard air brath a ghabhail air suidheachadh na h-Alba oir bha i às aonais rìgh no banrigh: Edward had taken advantage of Scotland’s situation because she was without a king or queen; bha e air toirt air an fheadhainn a bha ag iarraidh a bhith air rìgh-chathair na h-Alba aideachadh gun robh uachdranas aig Eideard: he had forced those who wanted to be on the throne of Scotland to admit that Edward possessed sovereignty; bha cogadh air fà ire: a war was on the horizon; aig Blà r Dhùn Barra, chaidh an latha leis na Sasannaich: at the Battle of Dunbar, the English carried the day; chaidh Anndra agus athair a ghlacadh: Andrew and his father were captured; anns a’ gheamhradh rinn e dol-à s: in the winter he escaped; gun do chuir an luchd-riaghlaidh Sasannach cìsean mòra air an t-sluagh: that the English administration imposed heavy taxes on the populace; a’ tarraing luchd-taice thuige: attracting supporters.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: bha an caisteal ann an là mhan teaghlach cumhachdach – na Moirich: the castle was in the hands of a powerful family – the Morays. It is the norm today where a masculine noun is in the indefinite genitive singular with an adjective, that neither noun or adjective are inflected. Ann an là mhan teaghlaich would be ‘in the hands of a family’, but with the adjective cumhachdach, there is no slenderisation of either word.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: chuir e an cèill mar a bha e a’ dol a sheasamh an aghaidh nan Sasannach: he announced that he was going to stand against the English.
Broadcasts
- Sun 10 Jan 2021 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 13 Jan 2021 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.