Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1123
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1123. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 27 Jan 2021
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 819
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1123
Duration: 05:00
Litir 1123: Iseabail Gowdie (1)
Bha mi faisg air Allt Èireann còmhla ri caraid o chionn ghoirid. Tha Allt Èireann faisg air Inbhir Narann, sear air Inbhir Nis. Bha cath ainmeil an sin – Blà r Allt Èireann – ann an sia ceud deug, ceathrad ʼs a còig (1645). Chaidh mi fhìn ʼs mo charaid seachad air blà r a’ chatha, ge-tà , agus lean sinn oirnn.Ìý
Bha sinn ann an cà raichean eadar-dhealaichte air sà illibh a’ choròna-bhìorais. Gu h-obann, chuir mo charaid an taisbeanair clì aige air, agus stad e ri taobh achadh. Stad mi fhìn air a chùlaibh.
Nuair a bha sinn a-mach às na carbadan, chomharraich mo charaid tom beag ceud meatair air falbh. Bha beagan chraobhan a’ fàs air. ‘Sin agad tom,’ thuirt e, ‘far an do dhanns Iseabail Gowdie leis na sìthichean.’
‘Iseabail cò?’ arsa mise.
‘Iseabail Gowdie,’ fhreagair e. ‘Agus coimhead air a’ chnoc ud thall’. Mu mhìle air falbh bhuainn, bha cnoc eile le craobhan air. ‘Siud agad an t-à ite,’ thuirt e, ‘far an deach a cur gu bà s.’Â
‘Ma-thà ,’ arsa mise, ‘inns dhomh a h-eachdraidh!’
Bha Iseabail Gowdie beò anns an t-seachdamh linn deug. Thathar a’ smaoineachadh gum buineadh i a dh’Allt Èireann no baile eile faisg air. Phòs i fear John Gilbert agus bha iad a’ fuireach còmhla aig Loch Laoigh faisg air Inbhir Narann. Nise, ʼs e stòiridh nam bana-bhuidsichean a chaidh a chur gu bà s tè de na caibideilean as miosa ann an eachdraidh na h-Alba. Gu tric, cha robh anns na ‘bana-bhuidsichean’ ach boireannaich a bha ri slà nachadh. Bha na thachair dhaibh maslach.Ìý
Anns an t-siathamh linn deug, chaidh cùisean bhuaithe a thaobh buidseachd ann an Alba. Thachair an aon rud ri linn Rìgh Eanraig VIII ann an Sasainn. Ann an còig ceud deug, seasgad ʼs a trì (1563), chaidh achd tro Phà rlamaid na h-Alba – Achd Buidseachd na h-Alba. As dèidh sin, nam biodh cuideigin ciontach de bhith an sà s ann am buidseachd, dh’fhaodadh e – no gu tric i – a bhith air a chur – no air a cur – gu bà s.Ìý
Anns na naochadan dhen linn sin, dh’fhàs gnothaichean na bu mhiosa. Bha cùisean cùirte mòra ann am Bearaig a Tuath ann an Lodainn. Bha iad ainmeil oir bha an Rìgh – Seumas VI – an sàs annta. Bha Seumas air Bana-phrionnsa Anna na Danmhairg a phòsadh thall anns an Danmhairg, ged nach robh e fhèin an là thair. Bha fear eile ga riochdachadh aig a’ bhanais.
Dh’fheuch Anna grunn tursan ri seòladh a-null a dh’Alba. Gach turas dh’èirich stoirm no thachair rudeigin eile. Mu dheireadh, dh’fhuirich i ann an Oslo airson a’ gheamhraidh. Ach cha robh Seumas riaraichte le sin. Chaidh e fhèin a-null a dh’Oslo aig toiseach a’ gheamhraidh agus chuir e seachad an geamhradh an sin. Sheòl an Rìgh ʼs a’ Bhanrigh ùr a dh’Alba as t-earrach.
Bha na Dà naich agus na h-Albannaich mì-thoilichte mun dà il. Chuala iad aithrisean air buidseachd, an dà chuid ann an Copenhagen agus Bearaig a Tuath. Aig an à m sin, bha mòran a’ creidsinn gun robh cumhachd aig bana-bhuidsichean stoirmean a chruthachadh agus soithichean a chur fodha. Agus chì sinn na thachair ann am Bearaig a Tuath anns an ath Litir.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Allt Èireann: Auldearn; Inbhir Narann: Nairn; cath: battle; air a chùlaibh: behind him; Loch Laoigh: Loch Loy [at one time ‘Loch Lee’]; Achd Buidseachd na h-Alba: The Scottish Witchcraft Act.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: beagan chraobhan: a few trees; ann an cà raichean eadar-dhealaichte air sà illibh a’ choròna-bhìorais: in separate cars because of the coronavirus; chuir mo charaid an taisbeanair clì aige air: my friend put on his left-hand indicator; tom far an do dhanns Iseabail Gowdie leis na sìthichean: a hillock where Isobel Gowdie danced with the fairies; far an deach a cur gu bà s: where she was put to death; inns dhomh a h-eachdraidh: tell me her story; tè na caibideilean as miosa: one of the worst chapters; boireannaich a bha ri slà nachadh nà darrach: women who were involved in natural healing; chaidh cùisean bhuaithe: matters deteriorated; ri linn Rìgh Eanraig VIII: at the time of King Henry VIII; bha cùisean cùirte mòra ann am Bearaig a Tuath ann an Lodainn: there were major court cases in North Berwick in Lothian; an sàs annta: involved in them; bha Seumas air Bana-phrionnsa Anna na Danmhairg a phòsadh: James had married Princess Ann of Denmark; ged nach robh e fhèin an là thair: although he himself was not present; ga riochdachadh aig a’ bhanais: representing him at the wedding; dh’fheuch Anna grunn tursan ri seòladh a-null: Anna tried several times to sail over; chuir e seachad an geamhradh: he spent the winter; aithrisean air buidseachd, an dà chuid ann an X agus Y: reports on witchcraft, both in X and Y; gun robh cumhachd aig bana-bhuidsichean stoirmean a chruthachadh agus soithichean a chur fodha: that witches had the power to create storms and sink ships.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: dh’fhaodadh e – no gu tric i – a bhith air a chur – no air a cur – gu bà s: he – or often she – could be put to death (both gender forms). Gender remains an important consideration in Gaelic (all nouns are either masculine or feminine), and given that women in particular suffered under the witchcraft laws, the distinction is here justified. But note that, as in English, non gender-specific usages referring to humans are become increasingly common. We have no neuter singular pronoun so we tend to use iad ‘they’ instead (as in English). Instead of the above, I could have said dh’fhaodadh iad a bhith air an cur gu bà s.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha na thachair dhaibh maslach: what happened to them was disgraceful.
Broadcasts
- Sun 24 Jan 2021 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 27 Jan 2021 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.