A bheil thu air barrachd deoch là idir òl tron ghlasadh?
A bheil thu air barrachd deoch là idir òl tron ghlasadh? Have you drunk more alcohol through Lockdown?
Tha sinn air ar beò-ghlacadh le pròiseactean de thaighean gan leasachadh as ùr. Air Feasgar, tha sinn dol a chluinntinn gach ceala-deug bho Innes MacCuithein a tha a' leasachadh seann taigh, beag air bheag leis fhèin, ann an Eilean Luing ann an Earra-Ghà idheal. Dè mar a tha dol leis agus ciamar a thòiseachas neach air sin? Bidh dealbhan de phròiseact Innes rim faicinn air duilleag Facebook Radio nan Gà idheal.
Gach seachdain, bidh Patsi NicChoinnich a' toirt sùil air sgeulachd-bheatha sgrìobhadair Albannach, ag innse cò às a tha iad, cà ite an do thòisich iad, ciamar a thà inig iad gu sgrìobhadh agus an seòrsa stoidhle a th' aca. An-diugh, Michael Faber.
Agus bidh triùir a' còmhradh ri Cathy NicDhòmhnaill mu na bhios iad ag òl de dheoch là idir. A-rèir rannsachadh a chaidh a dhèanamh le Drinkaware, bhiodh aon anns gach ceathrar againn ann an Alba ag òl cus deoch là idir tro na glasaidhean sluaigh, agus a’ cur ar slà inte ann an cunnart. Ach tha e cuideachd fìor gu bheil cuid de dhaoine, gu h-à raidh an òigridh, air fàs nas mothachaile air na tha iad a’ cur nan corp, agus le seo tha iad air gearradh air ais air deoch là idir.
Last on
More episodes
Music Played
-
Lola Lennox
La La Love Me
-
Thomas Rhett
What's Your Country Song
-
Fleet Foxes
Sunblind
-
Celeste
Love Is Back
-
Passenger
Sword From The Stone
- Songs for the Drunk and Broken Hearted.
- Cooking Vinyl.
- 001.
Broadcast
- Tue 2 Feb 2021 12:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal