Main content
Sorry, this episode is not currently available

Àird nam Murchan

Iain Friseal le taghadh de na th' ann a Sgoil Eòlais na h-Alba à Àird nam Murchan. Iain Fraser selects folklore and songs from Ardnamurchan in the School of Scottish Studies.

Fad 2021 tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlàradh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gàidhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.

'S e eòlaiche air ainmean-àite a bh' ann an Iain Friseal a bha ag obair aig Sgoil Eòlais na h-Alba. 'S ann à Geàrrloch a bha Iain, ach na èirigh suas chuir e seachad iomadach samhradh ann an Àird nam Murchan far a robh ceangal teaghlaich làidir aige. A seo bha e a' dol tro na clàraidhean a chaidh a dhèanamh sa sgìre leis an Sgoil.

Cluinnidh sinn Dòmhnall MacColla, seinneadair ainmeil sa sgìre, le Tha Niall sa Bhàta Mhòr agus Òran Chinn Gheàrrloch, sgeulachd bho Aonghas Camshron air a bheil Trì Ceistean an Rìgh agus sgeulachd mun bhana-shìthe, a' Ghlasraig, aig Dòmhnall Mac a‘ Phearsain. Gheibh sinn cuideachd sgeulachd mun mhadadh-allaidh mu dheireadh ann a Suaineart agus, aig Dùghall Greumach, cluinnidh sinn air mar a thug iad a char à gaidsear. Tha Seonaidh Camshron a’ seinn Ha ho ro mo rùn am Fearann agus ag innse seanchas air mar a thachair le briogais dròbhair a bha dol gu fèill an Uibhist.

30 minutes

Last on

Sun 7 Feb 2021 09:30

Broadcasts

  • Thu 4 Feb 2021 12:00
  • Thu 4 Feb 2021 22:00
  • Sun 7 Feb 2021 09:30