Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1130
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1130. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 17 Mar 2021
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 826
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1130
Duration: 05:00
Litir 1130: Taigh Bhoth Fhleisginn (2)
B’ e Gilleasbaig Caimbeul Friseal fear de na gillean aig an t-Seann Mhadadh, am Morair MacShimidh. Nuair a chaochail a bhrà thair Sìm gun chlann ann an seachd ceud deug, ochdad ʼs a dhà (1782), fhuair Gilleasbaig smachd air oighreachd nam Frisealach. Chaidh e an à ite a bhrà thar mar bhall-pà rlamaid Siorrachd Inbhir Nis.
Mar a bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh, ʼs e Gilleasbaig a thog Taigh Bhoth Fhleisginn, faisg air Foidhir, taobh Loch Nis. Bha an taigh deiseil ann an ochd ceud deug ʼs a naoi (1809). Chaochail Gilleasbaig sia bliadhna an dèidh sin. Leis gun robh a h-uile duine dhen chòignear mhac aige air bà sachadh roimhe, chaidh an taigh gu fear eile a bha cà irdeach dha.Ìý
Bha an taigh coltach ri loidse-sheilg seach taigh-mòr oighreachd. Cha robh ann ach aon ùrlar – ach a-mhà in gun robh na searbhantan a’ fuireach ann an seòmar-mullaich os cionn a’ chidsin. Bha ceithir seòmraichean cadail ann, dà sheòmar-shuidhe agus leabharlann. A rèir choltais bha tunail ann a bha a’ ceangal an taigh ris a’ chladh.
Aig deireadh an naoidheamh linn deug, cheannaich Aleister Crowley an taigh. Tha Crowley ainmeil airson a bhith an sàs ann am ‘buidseachd’ – ‘draoidheachd dhubh’ is rudan dhen t-seòrsa sin. Cheannaich e an taigh a chionn ʼs gun robh e ann an à ite car iomallach agus freagarrach airson nan deas-ghnà than ‘draoidheil’ aige.
ʼS fheà rr dhomh rud beag innse dhuibh mu bheatha Chrowley. Rugadh e mar Edward Alexander Crowley ann an Leamington Spa ann an Sasainn ann an ochd ceud deug, seachdad ʼs a còig (1875). Bha athair gu math math beartach. Mar sin, cha robh Eideard – no ‘Alick’ mar a bha a mhà thair a’ gabhail air – a’ beachdachadh air dreuchd a lorg. Bhiodh e beò air an airgead a fhuair e bho athair.
Ge-tà , cha robh e fhèin is athair air an aon rà mh a thaobh creideamh. Bha athair na Chrìosdaidh là idir a bha na shoisgeulach airson nam Plymouth Brethren. Chaidh Eideard a chur gu sgoil Chrìosdail airson greis. An ceann ùine, chuir e a chùl ris a’ chreideamh. Nuair a bha e aig Oilthigh Chambridge, dh’atharraich e ainm gu Aleister – air a litreachadh A-L-E-I-S-T-E-R. Cha do cheumnaich e bhon oilthigh, ach choisinn e cliù dha fhèin mar chluicheadair tà ileisg air leth sgileil.
Bha e sgileil cuideachd mar sgrìobhadair bà rdachd agus mar neach-sreap nam beann. Bhiodh e gu tric a’ falbh gu na beanntan Ailpeach. Nuair a bha Taigh Bhoth Fhleisginn leis, bha Crowley thall thairis gu math tric. Trà th san fhicheadamh linn, rinn e oidhirp air K2 agus Kanchenjunga, an dà rna agus treas beinn as à irde san t-saoghal. Cha robh e soirbheachail, agus chaill ceathrar dhen sgioba am beatha ann am maoim-sneachda air Kanchenjunga. Bha cuid a’ cumail a-mach nach do chuidich Crowley iad mar bu chòir.
Nuair a bha e ann an Alba, ghabhadh Crowley ‘The Laird of Boleskine’ air fhèin. Bha e dèidheil air dualchas na Gà idhealtachd, agus bhiodh e a’ cur fèileadh-beag air gu tric. Ach am biodh na Gà idheil ag aithneachadh nan gnothaichean ‘draoidheil’ aige? Cha chreid mi gum bitheadh. Cluinnidh sinn tuilleadh an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Taigh Bhoth Fhleisginn: Boleskine House; Foidhir: Foyers; buidseachd: witchcraft; draoidheachd dhubh: black magic; deas-ghnà than: ceremonies; beartach: rich, wealthy; soisgeulach: evangelist; neach-sreap nam beann: climber.Ìý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: B’ e Gilleasbaig Caimbeul Friseal fear de na gillean aig an t-Seann Mhadadh, am Morair MacShimidh: Archibald Campbell Fraser was one of the sons of the Old Fox, Lord Lovat; nuair a chaochail a bhrà thair Sìm gun chlann: when his brother Simon died without children; fhuair Gilleasbaig smachd air oighreachd nam Frisealach: Archibald gained control of the Fraser estate; fear eile a bha cà irdeach dha: another man who was related to him; coltach ri loidse-sheilg seach taigh-mòr oighreachd: like a hunting lodge rather than the big house of an estate; seòmar-mullaich os cionn a’ chidsin: an attic room above the kitchen; bha ceithir seòmraichean cadail ann, dà sheòmar-shuidhe agus leabharlann: there were four bedrooms in it, two sitting rooms and a library; tunail a bha a’ ceangal an taigh ris a’ chladh: a tunnel that connected the house to the cemetery; ʼs fheà rr dhomh rud beag innse dhuibh mu bheatha X: I’d better tell you a little about X’s life; a’ beachdachadh air dreuchd a lorg: thinking about finding a profession; cha robh e fhèin is athair air an aon rà mh a thaobh creideamh: he and his father did not agree on religion; chuir e a chùl ris a’ chreideamh: he turned his back on the religion; cha do cheumnaich e bhon oilthigh: he didn’t graduate from the university; choisinn e cliù dha fhèin mar chluicheadair tà ileisg air leth sgileil: he won a reputation as an extremely skilful chess player; rinn e oidhirp air: he made an attempt on; chaill ceathrar dhen sgioba am beatha ann am maoim-sneachda: four of the team lost their lives in an avalanche: am biodh na Gà idheil ag aithneachadh X?: would the Gaels recognise X?; cha chreid mi gum bitheadh: I don’t think so.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Leis gun robh a h-uile duine dhen chòignear mhac aige air bà sachadh roimhe: because all of his five sons had predeceased him. To talk about a particular number of people we commonly use numerical nouns – dithis, triùir, ceathrar, còignear etc – rather than cardinal numerals. However, this requires any noun that is commanded by the numerical noun to be in the genitive (plural). Thus, for ‘five sons’ we might say còig mic (using the nominative plural of mac) or, more usually, còignear mhac (with the indefinite genitive plural of mac).
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Bha e dèidheil air dualchas na Gà idhealtachd: he was enthusiastic about the heritage of the Highlands.
Broadcasts
- Sun 14 Mar 2021 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 17 Mar 2021 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.