Main content
Sorry, this episode is not currently available

Fonn a bheireas spionnadh dhut

Suipeir airson an deireadh sheachdain. Mark Smith prepares a weekend supper.

Tha Mark Mac a' Ghobhainn còmhla ri Cathy NicDhòmhnaill le biadh airson an deireadh sheachdain. An-diugh, tha e ag ullachadh cearc ann an sabhs de bhàrr, fion geal agus mustard Dijonach. Gach Dihaoine, bidh Mark cuideachd a' toirt sùil air obair chòcaire ainmeil - an-diugh, Matt Tebutt bho Saturday Kitchen.

Tha an cluicheadair goilf Robert MacIntyre a' gabhail pàirt ann an farpais na Augusta National ann an Aimearagaidh an-diugh agus fad an deireadh sheachdain. 'S ann anns an Òban a tha Robert agus sgaoil e Tweet agus e a’ dèanamh fiuthar ris an fharpais as motha dhe bheatha fhathast, agus thagh e fonn le Gunna Sound a chluich. Dè am fonn a thaghadh tu dhut fhèin, fonn a bheireadh dhut spionnadh agus misneachd? Bidh Cathy a' còmhradh ri Norrie Dòmhnallach, Carina NicLeòid agus Calum Fearghasdan.

Agus bidh Calum Dòmhnallach a' toirt sùil air beatha agus obair chleasaichean Èireannach an là an-diugh. An-diugh, Brian Gleeson agus Pauline McLynn .

Ceòl bho James Bay, Aloe Blaac, Medicine Men agus mòran eile.

Release date:

1 hour, 27 minutes