Uisge
A' coimhead ri uisge, le beachdan agus faireachdainnean dhaoine air a' chuspair. A look at water, including people's experiences and perspectives of water.
Gu tric tha e furasta a bhith a’ gearan gu bheil cus uisge againn, a’ sileadh às na speuran air neo a' laighe na lochan air uachdar na talmhainn. Ach dè a thachras nuair a tha uimhir ann is gun cuir e beatha agus dachaighean ann an cunnart? Cluinnidh sinn bho fhear a bha a’ fuireach ann am baile Cockermouth ann an Sasainn mu thuil eagalach.
Air an là imh eile, dè na trioblaidean a tha cion uisge a' dèanamh do dhaoine? Innsidh fear a tha ag obair dhan UN mu na suidheachaidhean doirbh a tha esan air fhaicinn timcheall an t-saoghail.
Ach dè mu na buannachdan a thig an cois an dìle? Tha snà mh a’ toirt toileacheas do mhòran ach dè mu dheidhinn dà ibheadh fon mhuir? Dè a tha ri fhaicinn agus ri fhaireachdainn?
Cluinnidh sinn cuid de na h-adhbharan a th' aig daoine airson a bhith ag iasgach nan aibhnichean agus mar a bheir na th' ann de dh’ uisge buaidh air an iasg.
Agus dè na dòighean anns a bheilear a’ cleachdadh uisge airson uisge-beatha a dhèanamh, dè an diofar a th' eadar uisge aon sgìre agus uisge sgìre eile agus ciamar a dh’fhaodadh sin buaidh a thoirt air an uisge-beatha aig a' cheann thall?
Last on
Broadcasts
- Mon 12 Apr 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 12 Apr 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Apr 2021 13:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 30 Mar 2022 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Apr 2022 13:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal