Na h-òrain aig Dòmhnall MacColla
Tha a' bhà rdachd 's an t-seinn aig Dòmhnall MacColla às an Dunbheag faisg air an Òban fon prosbaig. We look at the poetry and singing of Donald MacColl of Dunbeg, near Oban.
Air a' bhliadhna seo tha sinn a' comharrachadh 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a chlà radh le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
A seo 's ann air a' bhà rdachd agus an t-seinn aig Dòmhnall MacColla às an Dunbheag san Òban a tha am prosbaig, le dithis a bha eòlach air eachdraidh Dhòmhnaill a' toirt thugainn na sgeòil. 'S e cìobair a bh' ann an Dòmhnall agus bhiodh e ri bà rdachd mu uachdarain nach robh còrdadh ris agus rudan a bhiodh a’ tachairt sa sgìr' aige, am measg rudan eile.
Bha Dòmhnall a’ fuireach an Ceann Trà gha agus bha Seumas Camshron a’ fuireach ann an Airidh Bheagaige an Ath Tharracail is e eòlach air Dòmhnall bho bha e òg. Agus bha cleamhnas ann cuideachd, oir phòs e nighean piuthar Dhòmhnaill. Chaidh Dòmhnall a chìobaireachd agus a gheamaireachd ann a Loch Èite, agus às dèidh sin chaidh e dhan Ghallanach Bheag air Brà igh an Òbain far a robh e cuideachd ag obair le crodh.
Bha cà irdeas aig Ailean MacColla ri Dòmhnall. Bha e a' fuireach sa Chorpaich agus b' e a sheanair agus athair Dhòmhnaill an dà bhrà thair. Bhiodh e a' tachairt ris aig feiltean chruidh, aig Mòdan agus cruinneachaidhean sa sgìre far am biodh e a’ seinn.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Thu 22 Apr 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 22 Apr 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Apr 2021 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal