Main content
Sorry, this episode is not currently available

Eanchainn na h-Ã’ige

Carson a tha mac-meanmna cho làidir ann an cloinn? Why are children's imaginations so vivid?

Chan eil mòran rudan cho bunaiteach dhuinn uile ri ar mac-meanmna. Ach dè dìreach a th’ ann, agus carson a tha e cho bunaiteach dhuinn? Anns an dà phrògram sa tha Coinneach Mac a’ Ghobhainn a’ cnuasachadh air a’ chuspair, a’ tòiseachadh le mar a tha mac-meanmna cho beò do chloinn.

Cluinnidh sinn bhon Dr Fionnlagh MacLeòid air taobh saic-eòlais a' chuspair – mar a tha ar mac-meanmna na uinneag don inntinn do-fhaicsinneach, agus mar a tha e aig cridhe dòighean ionnsachaidh chloinne. À Washington tha an t-eòlaiche-eanchainn Dòmhnall Iain Dòmhnallach a’ mìneachadh mar a tha cruth na h-eanchainne gu math sùbailte nar n-òige – agus mar a sin ag atharrachadh le aois.

Agus cluinnidh sinn cuideachd bho thidsearan, bho pàrantan, agus bhon chloinn fhèin is iad a’ cluich. Tha Dòmhnall agus Sìne Pollock ag innse mar a tha an dithis nighean acasan gu math dèidheil air sgeulachdan a chruthachadh fad na h-ùine. Innsidh Catrìona NicÌosaig an Glaschu agus Raghnall MacCoinnich an Uibhist dhuinn mar a tha mac-meanmna an cuid chloinne air atharrachadh a rèir an aois, agus an Inbhir Nis tha Màiri Rodgers a’ toirt dhuinn beachd air mar a tha saorsa bho inbhich a’ brosnachadh an triùir aice fhèin gus am mac-meanmna a chleachdadh.

30 minutes

Last on

Sun 2 Apr 2023 10:00

Broadcasts

  • Tue 27 Apr 2021 12:00
  • Tue 27 Apr 2021 22:00
  • Sun 2 May 2021 10:00
  • Mon 27 Mar 2023 15:30
  • Wed 29 Mar 2023 20:00
  • Sun 2 Apr 2023 10:00