Drà ma - Rùintean Mà iri Iain Mhòr le Mà rtainn Mac an t-Saoir
Tha Fionnlagh a' faicinn coltas a mhà thar, nach maireann, air cuairt air a' mhachaire. Out walking, Finlay sees the outline of the familiar form of his late mother in the distance.
Ged a chuir Covid-19 an saoghal aig a h-uile duin' againn bun-os-cionn dhar fà gail an-fhoiseil 's mì shuaimhneach, tha sinn air feuchainn ri sinn fhìn a chumail air dòigh le bhith coimhead air adhart ri nuair a bhios e seachad. Ach de a' bhuaidh a bh' aig a' ghlasadh a thà inig oirnn air na mairbh? 'S e dealbh-chluich mu dhòchas, mu chall 's mu ghaol a tha seo, stèidhicht' sna h-Eileanan an Iar le ceòl a tha a' toirt Uibhist - agus na mairbh! - beò dhuinn.
Mà iri Iain Mhòir - Mà iri Nic’IlleMhoire
Fionnlagh - Calum Dòmhnallach
Stiùiriche - Muireann Kelly
Dealbhaiche Fuaim agus Deasachadh - Matt Padden
Ceòl - Pà druig Moireasdan
Clà rsach - Malachy Arnold
Comhairlaichean drà ma - Lynda Radley agus Iain Fionnlagh MacLeòid
Riochdaire sa stiùidio - Catrìona Mhoireach
Fuaim sa stiùidio - Sara Mattinson
Co-òrdanaiche a’ phròiseict - Rhona NicDhùghaill
Riochdaire - Annella Nicleòid
Coimiseanair - Calum McConnell
Tha Mà rtainn Mac an t-Saoir air cliù agus iomadach duais a chosnadh thairis air na fichead bliadhna a tha e air a bhith sgrìobhadh ficsean agus bà rdachd. Tha e air naoi leabhraichean fhoillseachadh agus air ainm a dhèanamh dha fhèin mar sheanachaidh, gach cuid ann an Gìà idhlig agus am Beurla. 'S e saoghal annasach a' ghlasadh-sluaigh a ghluais e gu Rùintean Mà iri Iain Mhòir, a' chiad drà ma aige airson radio, a sgrìobhadh.
Chaidh ‘Rudeigin Ri Rà dh’ a choimiseanadh le Theatre Gu Leòr le taic bho Alba Chruthachail agus bho Bhòrd na Gà idhlig, ann an com-pà irteachas le ´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal. Bhuannaich e duais na h-Ealain agus a' Chultur aig Duaisean na Gà idhlig am-bliadhna.
Last on
Broadcasts
- Thu 29 Apr 2021 12:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Mon 27 Dec 2021 17:10´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal