Fear Chanaigh
Murchadh Dòmhnallach a' toirt thugainn cuid de na chlà r An Dr Iain Latharna Caimbeul, Fear Chanaigh. Murdo MacDonald selects some songs recorded by Dr John Lorne Campbell.
Air a' bhliadhna seo tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
Tha Murchadh Dòmhnallach, a bha a' cur rian air na bh' ann an Cruinneachadh Chanaigh do dh' Urras Nà iseanta na h-Alba, a' toirt thugainn cuid de na h-òrain a thug An Dr Iain Latharna Caimbeul, 'Fear Chanaigh', do Sgoil Eòlais na h-Alba.
Bha Fear Chanaigh air fear dhan fheadhainn a stèidhich Sgoil Eòlais na h-Alba aig deireadh 1951 agus thug e cuideachd tiodhlac de faisg air 300 òran a chlà r e fhèin agus a cho-obraichean dhan a' Sgoil.
Am measg na chluinneas sibh tha Ceit Ruaraidh ‘an Bhà in à Eòlaigearraidh am Barraigh le 'Tha caolas eadar mi ’s Iain', Bha a h-athair air a chlà radh ann a 1938 le Fear Chanaigh air Presto J6 Disc recorder, a bha am measg na ciad òrain a chaidh a chlà radh le dealan sna h-Eileanan an Iar.
Cluinnidh sinn cuideachd Bean Dhòmhnaill Iain Mhic IllFhaolain à Gèirinis an Uibhist a Deas le Nach freagair thu Chairstìona? ; Mà iri agus Anna Mhìcheil Nèill à Barraigh a' gabhail DiSathairne ghabh mi mulad; Peigi Anndra, à Gleann Dail a' seinn Coisich agus Faigh Dhomh Cèile, An t-Each Odhar agus An Rà can a bh’ Againne; Peigi Nèill ’icSteafain à Gleann Dail a' gabhail Duan na Cà isg agus Donnchadh Dòmhnallach, Donnchadh mac Dhòmhnaill 'ic Dhonnchaidh ( Donnchadh Clachair ) à Peighinn an Aoireann le Tà ladh Dhòmhnaill Ghuirm.
Chaidh an leabhar, Songs Remembered in Exile, mu thuras a rinn Fear Chanaigh a Cheap Breatainn fhoillseachadh ann a 1937, òran luaidh anns a’ chuid bu mhotha dhiubh, agus Hebridean Folk Songs, trì leabhraichean de dh'òrain luaidh, a chur an clò às dèidh sin.
Thurchair Iain Latharna Caimbeul air Mairead Fay Sheathach ann an Uibhist a Deas ann an 1924 fhads a bha i a’ cruinneachadh òrain Ghà idhlig 's i a' fuireach còmhla ri Peigi agus Mà iri Anndra à Gleanndail, clann Anndra na h-Àirigh Mollaich. Chaidh 270 òran a chlà radh bho Pheigi a-mhà in.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 20 May 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 20 May 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 23 May 2021 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal