Ruaraidh Cunnartach, BÃ rd Chaolas Stocanais
Beatha 's bà rdachd Ruaraidh Chunnartaich, Bà rd Chaolas Stocanais sna Bà igh sna Hearadh. Joina Macdonald selects songs written by Roddy Macleod from Kyles Stockinish in Harris.
Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
'S i Joina NicDhòmhnaill a tha a' cur beatha 's bà rdachd Ruaraidh Mhicleòid, Ruaraidh Cunnartach, Bà rd Chaolas Stocanais sna Bà igh sna Hearadh fon phrosbaig. B' e Harris ainm eile a bh' aig daoin' air agus rugadh e air a' chòigeamh là deug den Mhà irt ann an 1903, an dà rna duine cloinne aig Alasdair Ruaraidh ‘ain Mhoir a’ Chaolais agus Ceiteag Thormoid Bhig ‘an ‘ic Thormoid Òig. Bha e an toiseach ag obair aig a' Mhorair Leverhulme ach an uair sin chaidh e gu muir, agus sin mar a chuir e seachad a bheatha gun deach e às a rathad ann an 1965 ann an tubaisd aig muir far na Canaries agus tha e air a thiodhlacadh ann an Las Palmas.
B' iad na Leòdhasaich a bha còmhla ris aig muir a thug Ruaraidh Cunnartach air le cho geur ‘s a bha e agus ged a rinn e òrain gaoil cha do phòs e a-riamh.
'S e Tha mi fo Chùram air Cùlthaobh Èirinn òran cho ainmeil ‘s a rinn e aig à m an Darna Cogaidh, nuair a bhuail torpedo bà ta a bha air taobh thall am bà ta air a robh e fhèin ‘s iad a’ gabhail fasgadh an iar air Eìrinn, air an t-slighe a-null dhan Èiphit. Cluinnidh sinn Dòmhnall Iain MacSuain, Dòmhnall Iain Alasdair Bhig à Sgarasta dha ghabhail.
A thilleadh air a sin cluinnidh sinn Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Dòmhnall Shà m à Horgabost le Òran a' Chòta, Caolas Stocanais Ghruamach agus Òran Mà iri Eòghainn Chaluim. Aig Seonaidh MacAoidh, 'Am Pincidh' à Sgarasta, gheibh sinn ’S muladach mi ’n-diugh ’s mi ’g èirigh, agus tha Catrìona NicLeòid, Catrìona Fhionnlaigh Dhòmhnaill Raghnaill à Geòcrab a' gabhail Fo ghruamain mar tha mi ’n-diugh, agus òran èibhinn a rinn e, Òran na Doile.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 17 Jun 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 17 Jun 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 20 Jun 2021 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal