Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mar a tha daoine a' fulang le pian leantainneach. How people cope with chronic pain.

Cò ris a tha e coltach a bhith a' fulang le pian leantainneach agus tinneasan far nach eil e follaiseach gu bheil daoine ann an cràdh. Tha seo a’ gabhail a-steach tinneasan mar fibromyalgia, migraine, chronic fatigue syndrome, endemetriosis agus gu leòr eile. Bidh Coinneach a' còmhradh ri triùir a tha anns an t-suidheachadh seo, feuch am bheil dad ann a tha gan cuideachadh.

Tha fèill mhòr air pàircean baile sam bith an teis mheadhan an t-samhraidh, agus tha seo dha-rìribh fìor ann an Lunnain far am bheil uiread de phàircean brèagha. Càit am bi luchd-fuireach a' bhaile a' dol, agus dè tha fagail Richmond, Kensington, Hampstead, Hyde is eile nan tarraing do dhaoine?

Cluinnidh sinn bho Uilleam Mac an Tuairneir mun leabhar, Water Over Silver, a chur e ri chèile air na sgrìobhaidhean aig a' mhaighstir-sgoile Iain Mac an Tòisich MacMhathain. Bha Iain Mac an Tòisich MacMhathain a' teagasg ann an iomadh sgoil air Ghàidhealtachd, nam measg Port Rìgh agus Acadamaidh Allt a' Mhuilinn. Ghluais Iain a Shealainn Nuadh anns na 70an agus ‘s ann an sin a fhuair Uilleam, a tha a' fuireach ann, eòlas air an toiseach.

57 minutes

Last on

Wed 7 Jul 2021 21:00

Music Played

  • The Sanctuary

    Hold On

Broadcasts

  • Wed 7 Jul 2021 09:00
  • Wed 7 Jul 2021 21:00