A' cur gleadhar às na h-ùird
Tha Iain Seathach a' toirt thugainn taghadh òrain a chaidh a chlà radh an Canada. John Shaw brings us a selection of material recorded in Canada for the School of Scottish Studies.
Tha sinn a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann air a' bhliadhna seo. Tron bhliadhna, cluinnidh sinn taghaidhean de chuid de na chaidh a thogail le luchd-cruinneachaidh na Sgoile, a' mhòr-chuid dheth sna 50an agus na 60an, bho dhaoine a bh' air am bogadh ann an dualchas agus beul-aithris na Gà idhlig. Chaidh an t-sreath sa a chraoladh an toiseach nuair a bha an Sgoil a' comharrachadh 50 bliadhna ann an 2001.
'S e taghadh de dh'òrain - sa chuid as motha - à Canada a th' aig Iain Seathach dhuinn a seo.
Cluinnidh sinn dithis bho na North Shore Singers à Eilean Cheap Breatainn - Dòmhnall Iain Moireasdan, Montana Dan mar a bh' ac' air, le Hè mo leanann agus Calum Aonghas Macleòid, Calum Aonghais Chaluim ( thà inig cuideachd athar à Scalpaigh na Hearadh ) le òran luaidh eile, Mo Chuachag.
Air taobh eile Eilean Cheap Breatainn, sa Chamus Leathann bha Lachlann MacIllFhialain, Lachlann Dhòmhnail Nèill, aig a robh na ceudan òrain, cuid dhiubh a thà inig à Mòrar an Alba le shinnsearan agus tha e a' gabhail Chì mi Thallad.
Le Ho ro ’s gur toigh leam fhìn thu, tha Lachlann MacIllÌosa, òrain mu robh mòran deasbad an ann à Alba neo à Ceap Breatain a thà inig e. B' e Aonghas MacIllFhialan à Mira Mhòr athair-cèile Lachlainn, agus 's ann bhuaithe a thogadh Òran a’ Mhathain ann a 1963, òran a rinn Aonghas Caimbeul, fear a dh'fhalbh à Beinn na Fadhla.
Dà mhìle mìle chun iar à Ceap Breatainn, tha sinn a' faighinn òran air a ghabhail le Tormod MacIllFhinnein bhon a' Bhac, òran a rinneadh le Dòmhnall Moireasdan à Bhaltos an Ùige Leòdhais. Tha 'Hi ho-ro tha mi duilich' ag innse an ionndrainn 's an cianalas a bh' air cuid a dh'fhalbh.
Thà inig Lachlann MacAoidh sgrìob à Canada a dh' Alba ann an 1975 gus chlà r Iain MacPheadrais e ag innse mar a bhiodh iad a' togail thaighean le fiodh.
Tha Ailig Frangan MacAoidh agus Uilleam Ceanadach a' cluich an fhidhill, agus Mà iri Anna Jewel air a' phià na, le grunn phuirt cruinn.
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 15 Jul 2021 12:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 15 Jul 2021 22:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Jul 2021 09:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal