Main content
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1148
Litir do Luchd-ionnsachaidh le Ruairidh MacIlleathain. Litir à ireamh 1148. Roddy Maclean reads this week's letter for Gà idhlig learners.
Last on
Wed 21 Jul 2021
23:00
´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
More episodes
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 844
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 1148
Duration: 05:00
Litir 1148: Niall Gobha
Thairis air a’ bhliadhna a dh’fhalbh, tha ìomhaighean – gu h-à raidh ìomhaighean-umha – air a bhith rudeigin connspaideach ann am Breatainn. Tha cuid de dhaoine air a bhith a’ taisbeanadh an cuid feirg gun robh ìomhaighean ann de dhaoine – fir – a bha an sàs ann an trà illeachd, mar eisimpleir. Chaidh tè no dhà de na h-ìomhaighean a thoirt sìos no eadhon a sgrios.
Aig an aon à m ʼs a bha sin a’ tachairt, tha fhios gun robh ìomhaighean ùra a’ dol an-à irde. Ach ʼs dòcha nach cuala sinn cus mun deidhinn. Co-dhiù, tha mi airson innse dhuibh mu aonan dhiubh – ìomhaigh a chaidh suas o chionn beagan mhìosan ann am baile beag ann an Siorrachd Pheairt.
ʼS e ìomhaigh tharraingeach a th’ innte. Tha i mar chuimhneachan air Albannach a bhuineadh don ochdamh linn deug. Bha e ainmeil mar neach-ciùil. Fhad ʼs as aithne dhomh, cha robh ceangal sam bith aige do thrà illeachd no do ghnothaichean an-iochdmhor.Â
A bheil fios agaibh cò tha mi a’ ciallachadh? Bhuineadh e do Shiorrachd Pheairt agus ʼs e fìdhlear air leth a bh’ ann. ʼS e an t-ainm a bh’ air Niall Gobha.
 Rugadh Niall ann an Srath Bhreamhainn, siar air Dùn Chailleann anns a’ bhliadhna seachd ceud deug, fichead ʼs a seachd (1727). Far a bheil Uisge Bhreamhainn a’ ruigsinn Uisge Tatha, tha baile beag ann air a bheil An t-Inbhir. No Inver ann am Beurla. Ghluais teaghlach ±·Ã¨¾±±ô±ô gu ruige am baile sin nuair a bha Niall òg.Â
Bha Niall fìor mhath mar neach-ciùil on a bha e òg. Ged a bha e ag obair mar bhreabadair airson greis, bha na sgilean ciùil aige cho math ʼs gun robh comas aige tro thìde a bheairt a chur an dà rna taobh. Bha e an uair sin ag obair là n-thìde mar neach-ciùil.Â
Bha Niall a’ faighinn cùl-taic bho phrìomh uachdaran na sgìre, Diùc Athall. Air sgà th sin, bhiodh e a’ faighinn chuiridhean cluich airson nan uaislean aig bà laichean is dannsaidhean. Bhathar a’ dèanamh dheth nach robh fìdhlear cho math ris ann an Siorrachd Pheairt. Agus bha an t-siorrachd sin ainmeil airson cho math ʼs a bha a fìdhlearan.
Dh’fhàs e ainmeil air feadh Alba. Nuair a bha am bà rd Raibeart Burns ann an Siorrachd Pheairt, chaidh e a chèilidh air Niall. Chan e a-mhà in gun robh Niall math air seinn na fìdhle ach gun robh e fìor mhath air puirt ùra a sgrìobhadh. A rèir aithris, sgrìobh e faisg air naochad port, ged a tha amharas ann gun do dh’ionnsaich e cuibhreann dhiubh sin bho dhaoine eile. Tha feadhainn ainmeil chun an latha an-diugh – mar eisimpleir Farewell to Whisky, The Duke of Gordon’s Favourite agus Miss Drummond of Perth.
Phòs Niall dà thuras oir chaochail a chiad bhean. Bha ochdnar cloinne aige agus bha an dà rna mac aige – Nathaniel – cuideachd air leth ainmeil mar neach-ciùil.Â
Bha cuimhne aig daoine air à iteachan far am biodh Niall ri fìdhlearachd – gu h-à raidh seann chraobh-dharaich ri taobh na h-aibhne. Ach cha robh riamh ìomhaigh ann dhen duine fhèin ann an Dùn Chailleann no à ite sam bith eile.Â
Thòisich fèill-fhìdhle bhliadhnail ±·Ã¨¾±±ô±ô Ghobha beagan bhliadhnaichean air ais ann an Dùn Chailleann. Chuir muinntir na fèille airgead ri chèile agus chaidh ìomhaigh dhen duine a dhèanamh ann an umha leis an dealbhadair, Daibhidh Annand. Tha i ann am pà irc faisg air an à ite far an do chuir Niall Gobha seachad a bheatha.Â

Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: connspaideach: controversial; trà illeachd: slavery; Siorrachd Pheairt: Perthshire; Niall Gobha: Neil Gow; Srath Bhreamhainn: Strathbraan; Dùn Chailleann: Dunkeld; Uisge Tatha: River Tay; breabadair: weaver; là n-thìde: full-time; port, puirt: tune, tunes; dealbhadair: artist.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: Thairis air a’ bhliadhna: over the past year; gu h-à raidh ìomhaighean-umha: particularly bronze statues; tha cuid de dhaoine air a bhith a’ taisbeanadh an cuid feirg: some people have been demonstrating their anger; chaidh tè no dhà de na h-ìomhaighean a thoirt sìos no eadhon a sgrios: one or two of the statues were taken down or even damaged; gun robh ìomhaighean ùra a’ dol an-à irde: that new statues were going up; mar chuimhneachan air Albannach a bhuineadh don ochdamh linn deug: as a memorial to a Scot who belonged to the 18th century; fhad ʼs as aithne dhomh: as far as I know; cha robh ceangal sam bith aige do thrà illeachd no do ghnothaichean an-iochdmhor: he had no links to slavery or unfeeling, merciless matters; gun robh comas aige tro thìde a bheairt a chur an dà rna taobh: that he was able in time to put his loom aside; a’ faighinn cùl-taic bho phrìomh uachdaran na sgìre, Diùc Athall: obtaining sponsorship from the area’s principal landlord, the Duke of Atholl; bhiodh e a’ faighinn chuiridhean cluich airson nan uaislean aig bà laichean is dannsaidhean: he would get invitations to play for the gentry at balls and dances; bhathar a’ dèanamh dheth nach robh fìdhlear cho math ris: it was reckoned there was no fiddler as good as him; chaidh e a chèilidh air: he went to visit; chaochail a chiad bhean: his first wife died; bha ochdnar cloinne aige: he had eight children; seann chraobh-dharaich ri taobh na h-aibhne: an old oak tree next to the river; fèill-fhìdhle bhliadhnail ±·Ã¨¾±±ô±ô Ghobha: the annual Neil Gow fiddle festival.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Ghluais teaghlach ±·Ã¨¾±±ô±ô gu ruige am baile sin nuair a bha Niall òg: Neil’s family moved to that village when Neil was young. In English, Neil’s name was spelt in different ways. I have chosen to write it as standard Niall in Gaelic (I have not been able to ascertain if Neil himself spoke Gaelic, although I suspect he did, but it is perhaps unlikely he wrote the language). The genitive form of Niall is ±·Ã¨¾±±ô±ô which is why we have Mac±·Ã¨¾±±ô±ô as a clan name. Gow is from Gaelic gobha ‘blacksmith’, which is why the name is sometimes translated ‘Smith’ in the Central Highlands.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: fìor mhath mar neach-ciùil on a bha e òg: excellent as a musician from a young age.
Broadcasts
- Sun 18 Jul 2021 22:30´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 21 Jul 2021 23:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.