Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr M脿iri Byers

An t-Urr M脿iri Byers - nighean ministeir, p貌st' aig ministear 's i fh猫in na ministear. Rev Mary Byers - a minister's daughter, minister's wife and herself a minister.

Mar a thuirt i fh猫in, "Th脿inig mi dhan t-saoghal seo mar nighean ministeir, thuit mi ann an gaol, 's mi nise na mo bhean ministeir agus cha do stad mi gun ro mi fh猫in na mo mhinistear."

Rugadh is thogadh an t-Urr M脿iri Byers ann an teaghlach de sheachdnar chloinne ann an sg矛re Staidhligearraidh ann an Uibhist a Deas. 'S e ministear a bha na h-athair, an t-Urr Calum Laing, agus b' e am ministear a bh' ann an Tobha M貌r airson iomadach bliadhna. Chaidh i gu Bun-sgoil Thobha Mh貌ir agus 脿s a sin gu Sgoil Phaibeil an Uibhist a Tuath. Chaidh i gu ruige 脌rd-sgoil Phort R矛gh airson foghlam aig 脿rd-矛re a chr矛ochnachadh, ach ann an 1947 ghluais an teaghlach gu ruige Alanais agus chr矛ochnaich i foghlam aig 脿rd-矛re ann an 脌rd-sgoil Inbhir Pheofharain.

Bhiodh M脿iri a-riamh a' leughadh leabhraichean mu bhanaltraman. Bha 霉idh aice ann am Florence Nightingale agus bhiodh i cuideachd a' leughadh leabhraichean air an sgr矛obhadh le miseanaraidhean. Nuair a dh'fh脿g i an sgoil chaidh i a dh'Inbhir Nis a thr猫anadh airson a bhith na banaltram agus 脿s a sin chaidh i a Dh霉n 脠ideann. B' ann an D霉n 脠ideann a choinnich i ris an duine aice (an t-Urr Ailean Byers) agus bha esan a' tr猫anadh airson a bhith na mhinistear aig an 脿m agus miann aigesan cuideachd a dhol a-null a theagasg an t-Soisgeil gu t矛rean c猫in.

脌s d猫idh dhaibh p貌sadh agus esan dreuchd ministeir a thoirt a-mach, chaidh iad a-null gu ruige Ghana agus bha iad a' fuireach ann an 脿ite iomallach an sin. Bha ceathrar a theaghlach aca agus bha M脿iri fh猫in a' teagasg a cuid chloinne oir cha robh sgoiltean no goireasan foghlaim ro mhath sa sg矛re. Thill iad air ais a dh'Alba ann an 1971 agus chaidh iad gu paraiste faisg air Obar Dheathain. Bhiodh M脿iri a' toirt seachad t貌rr cuideachaidh taobh a-staigh na paraiste, a' teagasg 's a' cuideachadh ann an iomadh d貌igh. Le sin, c貌mhla ris na sgilean a dh'ionnsaich i a' teagasg a cuid chloinne fh猫in, chaidh i a dh猫anamh c霉rsa-teagaisg. Ach cha robh na c霉rsaichean 's an tr猫anadh a' stad aig an sin; tro na bliadhnaichean rinn i c霉rsaichean eile co-cheangailte ris an eaglais gus mu dheireadh rinn i c霉rsa-tr猫anaidh airson a bhith na ministear. Ghabh i dreuchd ministeir ann an 1991 agus chaidh i gu Eilean Dhi霉ra far a robh i a' frithealadh na paraiste sin gu 1998. Anns na bliadhnaichean sin bhiodh seirbheisean G脿idhlig aice ann an Di霉ra agus an 脤le.

Leig M脿iri dhith dreuchd paraiste ann an 1998 oir cha robh an duine aice Ailean a' cumail ro mhath, ach airson iomadach bliadhna as d猫idh sin bha i ga cumail fh猫in gu math trang far a robh i a' fuireach, faisg air na Cr矛ochan, le bhith a' frithealadh ospadail agus taighean-eiridinn ann an sg矛re Annan, agus cuideachd a' searmonachadh gu math tric air L脿 na S脿baid.

Bh脿saich Mgr Byers ann an 2013 agus bh脿saich M脿iri fh猫in air an treas l脿 den t-Samhain 2018 aig aois ceithir fichead sa c貌ig.

30 minutes

Last on

Sun 15 Aug 2021 21:00

Broadcast

  • Sun 15 Aug 2021 21:00