22/09/2021
Dè cho cudromach sa tha CO2 airson gnìomachas a' bhìdhe agus deoch? How important is CO2 to the food and drink industry?
Tha còmhraidhean air tòiseachadh a-rithist mu armailt a bhith aig an Aonadh Eòrpach dhaibh fhèin. Gheibh sinn beachdan air a' chùis.
Tha gainnead CO2 san Rìoghachd Aonaichte an dèidh do dh’ fhactaraidhean todhar-gallda sguir a dh’obair ri linn cosgaisean à rda gas. Leis nach do dh'obraich na factaraidhean sin chan eil CO2 air a chruthachadh. Tha an gainnead a’ toirt buaidh air gnìomhachas a’ bhidhe agus dibhe. Tha Murchadh Peutan a’ mìneachadh buaidh gainnead CO2 air an dùthaich.
Bidh am prògram telebhisean The Great British Bake Off a’ tilleadh gu seanail 4 a-nochd. Tha am prògram air a bhith a ’dol airson còrr is deich bliadhna a-nis. A bheil sinn fhathast cho dèidheil air ’s a bha sinn a-riamh?
Agus beachd an eòlaiche teicneòlais Dòmhnall Dòmhnallach airson dòigh ùr air an eadar-lìn a sgaoileadh gu dùthchannan feumach.
Last on
Broadcasts
- Wed 22 Sep 2021 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 22 Sep 2021 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal