28/09/2021 le Maureen NicLeòid
Dè cho soirbheachail 's a bha an sgeama fòrlaidh a tha a' tighinn gu crìch ann a là na dhà ? The furlough scheme end this week, but how successful was it?
Tha faisg air 50 bliadhna bho chuir NASA a' chiad saideal dhan iarmailt agus feasgar an-dè chaidh an saideal as ùire, an Landsat-9 a chur dhan adhar an California. Mìnichidh Aonghas Dòmhnallach dè dha-riribh a tha na saidealan air a bhith a' clà radh thar nam bliadhnaichean agus dè cho cudromach 's a tha am fiosrachadh air a bhith do luchd-saidheans.
Tha luchd-naidheachd air feadh Bhreatainn ag aithris gu bheil gainnead bìdh sna bùithtean agus dìth connaidh aig na stèiseanan connaidh. Tha an suidheachadh a-nise aig an ìre 's gu bheil am Prìomhaire am beachd taic fhaighinn bhon arm airson cùisean a rèiteachadh. Ach dè cho dona 's a tha cùisean anns na bailtean mòra? Gheibh sinn beachd à Glaschu, Birmingham agus Liverpool. Cluinnidh sinn cuideachd bhon fhear-naidheachd Pà draig MacAmhlaigh mar a bha an dùthaich anns an aon suidheachadh anns na 70an.
Air an 20mh dhen Mhà irt 2020 dh’ainmich riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gu robh iad a’ cur sgeama air dòigh, Coronavirus Job Retention Scheme, airson taic a thoirt do ghnìomhachasan agus luchd-obrach a bha a’ fulang ri linn buaidh a’ Choròna-bhìorais. Tha an sgeama fòrlaidh sin a-nise a’ tighinn gu crìch an t-seachdain sa. Gheibh sinn beachd an eòlaiche-gnìomhachais, Coinneach MacMhathain, air dè cho soirbheachail 's a bha sgeama.
Agus innsidh Aonghas Pà draig Caimbeul dhuinn gur ann air an t-seachdain seo ann an 1928 a thòisichear a' dèanamh a' chiad rèidio airson cà raichean.
Last on
More episodes
Previous
Broadcasts
- Tue 28 Sep 2021 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Tue 28 Sep 2021 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal