07/10/21
A’ comharrachadh Là Cotan na Cruinne le sùil air eachdraidh gnìomhachas a' chotain ann an Alba. Celebrating World Cotton Day with the history of the cotton industry in Scotland.
Beachd air mar a tha Sealainn Nuadh a’ dol a chur cùl ris a' phlana aca airson covid a chumail a-mach às an dùthaich gu tur. 'S e am prìomhachas a-nise aig riaghaltas Jacinda Ardern gum bi 90% den t-sluagh air an dà bhanachdach a ghabhail.
Mar phà irt den t-sreath telebhisean aige a-nochd air Seanail5, New Lives in the Wild, tha Ben Fogle a’ tadhal air Eilean Earraid. Tha eachdraidh shònraichte aig taigh-solais a tha far chosta Eilean Earraid ‘s tha Alasdair MacNèill còmhla rinn airson innse dhuinn mu dheidhinn.
A' comharrachadh Là Cotan na Cruinne tha Niall Bartlett a' toirt sùil air eachdraidh gnìomhachas a' chotain ann an Alba agus gu h-à raid sgìre baile Ghlaschu.
Nochd teachdaireachd air Tripadvisor bho chionn ghoirid 's aon neach a' gearan gu robh Beinn Neibhis 'ro à rd agus ro chas.' Uill, rinn Coinneach agus a chompanaich a' chùis oirre nuair a shreap iad Beinn Neibhis ann a 2006. Ach a robh gearan sam bith acasan?
Last on
More episodes
Previous
Next
Broadcasts
- Thu 7 Oct 2021 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Thu 7 Oct 2021 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal