Main content
Sorry, this episode is not currently available

1/5 Le Buille Ghaoil

Fred MacAmhlaigh ann an còmhradh ri Dòmhnall Moireasdan mu bheatha ’s mu bhàrdachd. The late Fred MacAulay discusses his life and poetry with Donald Morrison.

B' e sàr chraoladair, sgoilear eachdraidh agus canàin, bàrd agus, nas cudromaiche buileach, Uibhisteach a bh' ann a Fred MacAmhlaigh, Freadaidh Dhòmhnaill Bhàin a' Mhullaich à Solas.

Anns a' bhliadhna 2000 rinn Fred 's am fear-naidheachd Dòmhnall Moireasdan, sreath phrògraman còmhla a' còmhradh mu na bh' aig cridhe beatha Fred eadar teaghlach, cànan agus craoladh. A thuilleadh air sin fhuair sinn cuid de a bhàrdachd a tha a' toirt sealladh air a bheatha fhèin agus air a bheachd air cor na Gàidhealtachd agus cor an t-saoghail.

A seo 's ann air a shinnsireachd agus eachdraidh sgìre Sholais a tha iad a' coimhead. Cluinnidh sinn a bhàrdachd 'Seonaidh Aonghais Bhàin', 'Uilleam a’ Mhiseanaraidh' agus 'Tilleadh' bhuaithe.

30 minutes

Last on

Sun 24 Oct 2021 10:00

Broadcasts

  • Tue 19 Oct 2021 12:00
  • Tue 19 Oct 2021 22:00
  • Sun 24 Oct 2021 10:00