Main content
Sorry, this episode is not currently available

An Canan Seumas MacNèill

Seirbheis còmhla ris a' Chanan Seumas MacNèill, Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille. Gaelic service conducted by Canon James MacNeil, St Columba's Cathedral, Oban.

Anns an t-seirbheis seo cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Julie Fowlis a’ seinn 'Do Làmh a Chrìosda'.
Còisir Eaglais Naomh Barr a’ seinn 'A Thighearna Dean Tròcair Oirnn' agus còisir òg na paraiste a’ seinn 'Sìn do Làmh a Mhoire'.
A’ seinn an Gloria tha Pauline NicDhòmhnaill agus tha Derick Mac an Tòisich agus sgoilearan bho Sgoil Lionacleit a’ seinn 'Tha sinn a' seasamh aig an t-Soisgeul'.
A’ seinn 'Mise Dia na Muir ‘s na Speur' tha Alasdair MacIlleBhàin.

Leughaidhean:
Leabhar Deuteronomi 6: 2-6
Litir a-chum nan Eàbhraidheach 7: 23-28
Soisgeul Mharcus 12: 28-34

Rugadh Mgr. Seumas an Eilean Bharraigh agus 's ann gu Colaiste na Sagairteachd anns an Ròimh a chaidh e airson ionnsachadh a bhith na shagart.

Bha e na shagart paraiste san Eilean Sgitheanach airson grunn bhliadhnaichean agus bha e cuideachd a' frithealadh paraiste an Dòrnaidh agus an Ath Leathainn. Roimhe sin, bha e na shagart paraiste ann am Beinn na Fadhla agus ann am Mòrar. Bha e cuideachd a' teagasg ann an Roinn na Diadhachd aig Oilthigh Ghlaschu airson còig bliadhna.

Tha Mgr. Seumas stèidhichte aig Cathair-eaglais Naomh Chaluim Chille san Òban. Nuair a gheibh e beagan ùine dha fhèin, 's toigh leis a bhith a' leughadh agus a' coiseachd.

30 minutes

Last on

Sun 31 Oct 2021 15:00

Broadcasts

  • Sun 31 Oct 2021 09:00
  • Sun 31 Oct 2021 15:00