03/11/2021
Eachdraidh-beatha a' cheannard Tùsanach Ameireaganach, Sitting Bull. A profile of the Native American leader, Sitting Bull.
A-rèir aithrisean chan eil marcachd-eich gu bhith mar phà irt den fharpais Modern Pentathlon aig na Geamannan Oilimpigeach à seo a-mach. Gheibh sinn a-mach beagan mun spòrs sa bho Alasdair MacNèill agus Mà iri Ross.
Chaidh deuchainnean DNA a dhèanamh air pìos fuilt a bhuineadh don cheannard Tùsanach Ameireaganach, Sitting Bull, a tha a' dearbhadh gu bheil iar-ogha dha a’ fuireach ann an ceann a deas Dakota. Tha Mìcheal MacAoidh còmhla ri Coinneach le eachdraidh-beatha Sitting Bull.
Tha deasbad a' dol mu là rach ann a Lunnainn, An Taigh-cìse, agus planaichean ann airson taigh-òsta a stèidheachadh ann. Chaidh an togalach eachdraidheil sa a thogail san naoidheamh linn deug. Innsidh Tommy MacAsgaill mun togalach agus beachdan dhaoine air na planaichean.
Chaill a' Bhana-phrionnsa Mako, à Iapan, an inbhe rìoghail aice air sgà ths gun phòs i duine cumanta. Innsidh Steaphan MacRisnidh dhuinn mu na riaghailtean teann ris a feum buill teaghlach rìoghail Iapan cumail.
Agus chuala sinn air a' phrògram bho chionn greis mar a tha Facebook airson metaverse a chruthachadh, a' cleachdadh teicneòlas airson saoghal mas-fhìor a chruthachadh. Tha triùir a' beachdachadh air na diofar dhòighean anns an gabh an teicneòlas ùr sa a chleachdadh.
Last on
Broadcasts
- Wed 3 Nov 2021 09:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal
- Wed 3 Nov 2021 21:00´óÏó´«Ã½ Radio nan Gà idheal