Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na Garbh Chrìochan

Ailean Dòmhnallach a' toirt sùil air sgìre dham buin e fhèin, Na Garbh Chrìochan. Allan MacDonald brings us stories and song from the district of Morar, Arisaig and Moidart.

'S e sreath ùr a' comharrachadh gu bheil 70 bliadhna bho chaidh Sgoil Eòlais na h-Alba a stèidheachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann a th' ann a Sgaoileadh an Eòlais. Tha sinn air iarraidh air grunn dhaoine taghadh a dhèanamh air clàraidhean a tha prìseil dhaibhsan à tasglann na Sgoile ge b' e daoine a bhuineadh dhaibh, sgìre air a bheil iad eòlach neo cuspair anns a bheil ùidh aca. Agus abair gun d'fhuair sinn taghadh de dhualchas agus beul-aithris na Gàidhlig!

Ged a b’ ann anns na h-Eileanan an Iar a chruinnicheadh a chuid mhòr de na th' ann an tasglann Sgoil Eòlais na h-Alba, chan eil teagamh nach robh gu leòr obair-clàraidh a cheart cho luachmhor ga dheànamh air tìr-mòr na Gàidhealtachd agus 's ann à aon de na sgìrean sin a tha Ailean Dòmhnallach à Dùn Èideann air na chluinneas sinn aige a thoirt.

'S ann à Mòrair a tha an t-òran Ò Cha Cheil Mi, Hè Cha Cheil Mi'; tha iomradh air Rudha Àrasaig ann a 'An Cluinn Thu Mi Mo Chailin Donn', gheibh sinn blasad de Ghàidhlig Mhùideirt bho Aonghas MacNìll à Smiorasaraigh is e ag innse mu sheann chleachdaidhean croitearachd; bheir Fearchar MacRath, a thogadh a Roisbheinn, 's a bha na fhìdhlear cliùiteach, puirt dhuinn agus gheibh sinn òran fògraidh, 'Ò Siud an Taobh a Ghabhainn' bho Mhairead NicIllEathain.

A thuilleadh orrasan cluinnidh sinn a sheanair, Raghnall Dòmhnallach à Gleann Ùige le òran a rinn e fhein, Òran Poidsidh, agus còmhradh a rinn a shean-sheanmhair, Seonag - no Seocaidh - Dhòmhnallach mu na ceanglaichean a bh' eadar Mùideart is Uibhist agus gheibh sinn òran bhuaipe cuideachd.

30 minutes

Last on

Sun 14 Nov 2021 13:00

Broadcasts

  • Mon 8 Nov 2021 12:00
  • Mon 8 Nov 2021 22:00
  • Sun 14 Nov 2021 13:00